An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Baile a' Chaolais"

Content deleted Content added
No edit summary
ref. added
Loidhne 5:
<ref>[http://www.scrol.gov.uk/scrol/browser/profile.jsp?profile=Population&mainLevel=Locality&mainText=Ballachulish&mainTextExplicitMatch=null&compLevel=CountryProfile&compText=&compTextExplicitMatch=null Scotland's Census Result OnLine]</ref>
 
Bho thùs bha trì bailtean ann: Baile a’ Chaolais, Baile a’ Chaolais a Tuath a tha suidhichte air ceann tuath Loch Lìobhainn agus Baile a’ Chaolais a Deas a tha mu 3 mìltean air àird an iar Baile a’ Chaolais. Tha [[Gleann a' Chaolais]], clachan beag, faisg air Baile a' Chaolais.
 
Cha robh sràid ann gu ceann Loch Lìobhainn gus an deach rathad a thogail ann an 1927. Roimhe sin bha [[aiseag]] ann a bha gu math cudromach airson dòigh-bheatha. Thòisich an aiseag a' ruith ann an [[1733]] agus stad i ann an 1975 nuair a bha Drochaid Bhaile a' Chaolais deiseil.
 
Tha an [[drochaid]] suidhichte eadar Baile a' Chaolais fhèin agus Baile a' Chaolais a Deas aig Caolas MhicPhàdraig. Tha e a' leantainn gu Baile a' Chaolais a Tuath air an taobh eile Loch Lìobhainn.
 
Bha Baile a' Chaolais ainmeil airson nan creagan-sglèata ann. Bha iad a' rèic na sglèatan air feadh na dùthcha agus ann an [[Èirinn]] cuideachd. <ref>Mac an t-Saoir, D. (1994) 'Latha Eile am Baile Chaolais' ann an ''Gairm'' Àir. 166 Earrach 1994, dd.107-109.</ref> An-diugh 's e turasachd an gnìomhachas as cudromaiche anns a' bhaile.
 
Tha clach-chuimhneachan [[Seumas a' Ghlinne]] (''James Stewart'') ann faisg air Drochaid Bhaile a' Chaolais. Chaidh Seumas a chrochadh an seo anns an [[8 an t-Sultain]] [[1752]], ged a thuirt e nach do rinn e am muirt. Gus na làithean an-diugh chan eilear cinnteach cò rinn [[Murt na h-Apainn]]. Chleachd [[Robert Louis Stevenson]] an tachartas ud anns an nobhail ainmeil ''Kidnapped'' aige.
 
Tha sgioba [[iomain]] aige, faic: [[Baile a' Chaolais (Iomain)]].
 
===Sgrìobhaidhean ann an Gàidhlig mu a dheidhinn===
* Mac an t-Saoir, D. (1994) 'Latha Eile am Baile Chaolais' ann an ''Gairm'' Àir. 166 Earrach 1994, dd.107-109.
::- mu obair sglèata agus a' Ghàidhlig anns na 1930an
 
 
==Iomraidhean==