An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beurla"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 240 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q1860 (translate me)
bNo edit summary
Loidhne 1:
{{Template:Cànan
| Ainm = A' Bheurla<br />''English''
| familycolor=Indo-European
Loidhne 25:
}}
 
Is cànan [[Gearmailteach]] a tha ann am '''Beurla''' (''English'' sa Bheurla) mar a tha [[Duitsis]], [[Gearmailtis]] agus cànanan [[Lochlainn]] msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-[[saoghal]]; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa [[cruinne|chruinne]] an dèidh [[Sìonais]] (1mh) agus [[Hindi]] (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na [[Spàinntis]]. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan [[Dùthchannan Aonaichte]], còmhla ri [[Fraingis]].
 
== Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile ==
 
Ged is i [[Sasainn]] a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] air an [[dùthaich]], agus [[Sasannach]] air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i ''Beurla'' a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do '''Bélre''' san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".<ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/macbain/macbain.txt/ Faclair MhicBheathain]</ref> Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh ''cainnt'', no ''teanga '' san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar [[Beurla Shasannach|a' Bheurla Shasannach]], mar a labhras ann an Sasainn i, agus [[Beurla Albannach]], [[Beurla leathann]], no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, [[Beurla Ghallda|a' Bheurla Ghallta]] air an cuireadh [[Albais]] bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i [[Beurla na Fèinne]] a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.<ref>[http://www.faclair.com/?txtSearch=Beurla Dwelly-d]</ref>
 
Line 36 ⟶ 35:
 
== Eachdraidh ==
 
Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainntean [[Angla-Fhreaslainnis]] a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach - [[Anglaich]], [[Sagsanaich]], [[Diutaich]] agus [[Freaslainnich]] - a bhruth a-steach do[[Breatainn|Bhreatainn]] a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath na [[Gearmailt]] agus [[Na Tìrean Ìsle|Tìrean Ìsle]] a Tuath an-diugh.
 
Line 52 ⟶ 50:
 
== Iomraidhean ==
 
<references/>