An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Johan de Witt"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 5 interwiki links, now provided by d:Wikidata on d:Q318362
No edit summary
Loidhne 2:
B' e '''Johan de Witt''' neo '''Jan de Witt''' ([[Dordrecht]], [[24 an t-Sultain]] [[1625]] - [[Den Haag]], [[20 an Lùnasdal]], [[1672]]) [[Stàitire]] agus Matamataigear<ref>[http://www-history.mcs.st-andrews.ac.uk/Mathematicians/De_Witt.html MCS]</ref> às [[Na Tìrean Ìsle]].<ref>[http://www.nndb.com/people/495/000097204/ NNDB]</ref> Bhuinneadh de Witt do [[Teaghlach|theaghlach]] [[Uachdaran|Uachdaranach]] ainmeil cumhachdail. Bha athair, Jacob de Witt, na phròbhaist Dordrecht còig turas agus fhuair de Witt fhèin a chuid [[Foghlam|fhoghlaim]] ann an [[Leiden]], far an robh e gu math soirbheachail ann am [[Matamataig]] agus [[Lagh]]. Chaidh e gu [[Sasainn]], [[An Eadailt]], [[An Eilbheis]] agus [[An Fhraing]] ann an [[1645]]<ref>[http://www-history.mcs.st-andrews.ac.uk/Biographies/De_Witt.html MCS]</ref> agus nuair a thill e dhachaigh thoisich e a bhith na fear-lagha ann an Den Haag.
 
Chaidh e ainmeachadh rianaire ([[Duitsis]]: pensionaris) Dordrecht ann an [[1650]], agus rianaire [[An Òlaind|na h-Òlaind]] air fad ann an [[1653]]. A bharrachd air sin, phòs de Witt ri Wendela Bicker à [[Amsterdam]] air [[16 an Gearran]] [[1655]] agus fhuair iad ceithrear duine-chloinne còmhla: Agnes, Anna, Maria agus Johan òg. Chuidich am pòsadh seo e ann an saoghal a' phoileataigs leis gu robh teaghlach a' mhnà uabhasach neartmhor cumhachdail sa bhaile aca. le sin, 's e esan a bha os cionn na dùthcha gu ruige [[1672]], [[Rampjaar]] ([[Gàidhlig]]: Bliadhna na Dosgainne). Nuair a chaochail Wendela, phòs e ri Cornelia de Ruyter, nighean an àrd-mharaiche [[Michiel de Ruyter]], ann an [[1659]].
 
S' e poblachdach a bh'ann de Witt, is e an aghaidh nan Rìoghairean. Cho-rèitich esan còrdaidhean fabharach còmhla ri [[Sasainn]], [[A' Phortagail]] agus [[An Danmhairg]] agus leasaich e ìompaireachd nan Tìrean Ìsle thal san [[An Innd-Innse|san Innd-Innse]]. Ach bha an dùthaich air a bhith ann an droch staing phoileataigeach fad mòran bhliadhna. Nuair an tug [[Sasainn]], [[An Fhraing]] agus easbaigeachdan Münster agus [[Köln]] ionnsaigh air [[Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte]] chaidh esan agus a bhràthair mòr Cornelius a chur gu bàs<ref>[http://www.geni.com/people/Johan-de-Witt/6000000013631705070 Geni]</ref> le gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangaich ann an Den Haag air 20 an Lùnasdal 1672.