An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Constantin Guys"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 12:
B' e '''Constantin Guys''' (Fìor ainm: Ernest Adolphe Hyacinthe Constantin, [[Vlissingen]], [[3 an Dùbhlachd]] [[1802]] - [[Paris]], [[3 am Màrt]] [[1892]])<ref>[http://www.registre-des-arts.com/peinture/constantin-guys-1805/ Registre des Arts]</ref> [[saighdear]], [[dealbhadair]], [[peantair]] agus fear-aithris ainmeil [[An Fhraing|Franco]]-[[Na Tìrean Ìsle|Òlaindeach]].<ref>[http://rogallery.com/Guys_Constantin/guys-biography.htm RO Gallery]</ref>
 
==Beatha tràth==
Rugadh Guys ri linn na Poblachd Bhatavia ann am port air [[An Cuan a Tuath|a' Chuain a Tuath]], leis gur e coimiseanair a' chabhalaich a bh'ann [[athair]]. Nuair a bha e dìreach 18 a dh'aois, dh'fhàg e dachaigh is chaidh e chun na [[A' Ghrèig|Grèige]] na shaighdear<ref>[http://www.arthistoryunstuffed.com/tag/constantin-guys/ Art History Unstuffed]</ref> is e a' sabaid airson neo-eisimeileachd na dùthcha, còmhla ri [[Byron]].<ref>[http://rogallery.com/Guys_Constantin/guys-biography.htm RO Gallery]</ref> Thill e ann an [[1827]] ach chaidh e dhan arm a-rithist, an turas seo còmhla ri rèisimeid dhe saighdearan-eich Frangach. Shiubhal mu timcheall na [[Roinn-Eòrpa]] is [[Aisia]].
 
==Ealain is Aithrisean==
Ann an [[1849]], nuair a bha e ro aosda ris a bhith na shaighdear, thoisich e ris a bhith na dhealbhadair, gun treànadh idir. Chuir e seachad na bliadhnachan 40 is 50 na [[19mh Linn]] a' dol bho chath gu cath is bho [[Cogadh|chogadh]] gu cogadh air feadh na Roinn-Eòrpa is e na dhealbhadair is na fhear-aithris airson na [[Pàipear-naidheachd|pàipearan-naidheachdan]] thall san Fhraing is ann an [[Sasainn]], gu seachd-àraidh an Illustrated London News. Fhuair e deagh chliù airson a cuid obrach a rinn e rè Cogadh Chrimea. A bharrachd air sin, dheànadh e aithrisean mu dheidhinn fèis cuideachd, nuair nach robh e thall thairis.
 
Bho na 60an dhen 19mh Linn, thoisich e ris a bhith ag obair is a' fuireach ann am [[Paris]]. Dheànadh e dealbhan dhe na fhaiceadh e anns na sràidean.<ref>Baudelaire and Constantin Guys,J. A. Hiddleston, The Modern Language Review, dreach: 90, Àireamh: 3 (An t-Iuchar, [[1995]]), duilleagan. 603-621</ref> Sgrìobh [[Charles Baudelaire]] airtigil mu dheidhinn Ghuy ann an [[1860]],<ref>[http://www.getty.edu/art/gettyguide/artMakerDetails?maker=23221 Getty Museum]</ref> air an robh Le Peinture de la vie moderne ([[Gàidhlig]]: Peantadh na Beatha nar Làithean), ach cha robh Guy airson ainm a nochdadh ann idir.<ref>[http://rogallery.com/Guys_Constantin/guys-biography.htm RO Gallery]</ref> Chaill e a chasan ann an tubaist rathaid ann an [[1885]] agus chaochail e ann an [[1892]].
 
==Iomraidhean==
<references/>