An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rampjaar"

Chaidh 4 baidhtichean a chur ris ,  7 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b (Bot: Migrating 3 interwiki links, now provided by d:Wikidata on d:Q1779786)
Air sgàth an trioblaid sin, bhuail giorag air feadh sgìrean na [[Dùthaich|dùthcha]] nach robh fo bhuaidh nan còigreach. B’fheudar do mhòran dhaoine chudromach a bha airson [[pàrtaidh]] na poblachd an cuid bheachdan atharrachadh air sàilleabh cumhachd nan Orangach. Le sin ‘s e deireadh a’ Chiad Linn gun Stiùbhart ([[Duitsis]]: Eerste Stadhouderloze Tijdperk) a bh’anns a’ bhliadhna sin. Tha sin a' caillachadh gu robh an stàit gu math lag oir cha robh trì roinean, aig a' char na bu lugha, air stiùbhart a thaghadh gus a' Phoblachd a stiùireadh fad bliadhnachan.
 
B’ e [[Johan de Witt]] an tàinistear airson na stàite na bu chudromaiche, intinniche aig an àm. Sa bhliadhna sin. Bhuinneadh e do sean [[Teaghlach|theaghlach]] phoblachdach agus bha esan an aghaidh righrean fhaighinn air ais san dùthaich. Còmhla ri a bhràthair Cornelis, cha do chaill e dìreach a dreuchd ach a bheatha fhèin cuideachd, nuair a mharbh gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangich iad ann an [[Den Haag]].<ref>Guido de Bruin, Den Haag: Gevangenpoort: de Haagse broedermoord, 20 augustus 1672 in Maarten Prak (red.), 'Nederland in de zeventiende en achttiende eeuw (Amsterdam 2006)</ref>
 
A-rèir Margareth Turnor,<ref>Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 13.</ref> mhair Bliadhna na Dosgainne 17 mìosan. Dhùineadh [[Banca|bancaichean]], sgoiltean, [[Bùth|bùthan]], taighean-cùirtean agus taighean-cluiche. Bhris [[Peantair|peantairean]] agus luchd-malairt ealaine air sàilleabh staing doirbh an [[eaconomaidh]]. Tha seanfhacal na dùthcha ag innis dhuinn gu robh an nàisean redeloos (neo-reusantach), an dùthaich reddeloos (neo- tèarainte) agus an riaghaltas radeloos (neo-dhòchasach).<ref>[http://www.geschiedenis24.nl/nieuws/2009/april/Radeloos-reddeloos-en-redeloos.html Geschiedenis 24]</ref>
35,754

deasachadh