An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Medellín"

Content deleted Content added
b ceartachadh ceathreamh>ceathramh
Loidhne 19:
| DUILLEAG = [http://www.medellin.gov.co/alcaldia/index.jsp Riaghaltas Mhedellín]
}}
'''Medellín''' ([[Spàinntis]]: [[IPA]]:[með'eˈʝin] neo [með'eˈʎin]), gu h-oifigeil ''Municipio de Medellín'' (Spàinntis) neo ''Baile Medellín''. 'S e an dàrna baile as motha ann an [[Coloimbia]] a th' ann. Tha e suidhichte ann an [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] anns [[A' Ghleann Aburrá]], fear dhe na gleanntan as mufhaide air thuath [[Beanntan Andes|na h-Andes]] ann an [[Aimearaga a Deas]], ann an [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]]<ref>[http://www.antioquia.gov.co/municipios.htm Mapa oifigeil na roinne]</ref> aig astar dhe 414km bho [[Bogotá|Bhogotá]].<ref> [http://cumbia.invias.gov.co/programas/sat/DISTANCIA%20DE%20BOGOTA%20A%20CAPITALES%20-%2025%20JUL.pdf Invias]</ref> Tha sluagh dhe 2.4 muillean aige.<ref>{{cite web|last=Helders|first=Stefan|url=http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan|title=World Gazetteer: Colombia: largest cities: calc 2006|accessdate=2006-06-15}}</ref><ref>{{cite web|last=Butler|first=Rhett|year=2003|url=http://www.mongabay.com/igapo/Colombia.htm|title=Largest cities in Colombia (2002)|accessdate=2006-06-15}}</ref> 'S e an dàrna tuineachadh as motha ann an Coloimbia a rèir an t-sluaigh a th' ann, le a barrachd air 3.2 millean duine, san àite 95 eadar na bailtean as motha na cruinne, ma thoirear a-staigh an sgìre mu a thimcheall, [[Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín]] (''Area Metropolitana de Medellín'').
 
Chaidh Medellín a stèidheachadh ann an 1616 leis an [[An Spàinn|Spàinnteach]] [[Francisco Herrera Y Campuzano]] mar ''El Poblado de San Lorenzo'' (Tuinneachadh Naoimh Lawrence) anns an sgìre ris an canar ''El Poblado'' gus an-diugh. Ann an 1675 stèidhich A' Bhanrìgh Companach [[Mariana na h-Ostaire]] am ''Villa de Nuestra Señora de la Candelaria'' ("Baile Naoimh Mhàiri à Chandelaria").
 
Ann an 1826 chaidh am baile ainmeachadh prìomhmar phrìomh-bhaile na [[Antioquia (Roinn)|Roinne Antioquia]] le ùghdarrasan co-àiteachail na Spàinne. Ann an 1803 chaidh an [[Oilthigh Antioquia]] a stèidheachdh agus 's e aon dhe na h-oilthighean as buaidheach ann an Coloimbia a th' ann. An dèidh do Choloimbia an neo-eisimeileachd bhon [[An Spàinn|Spàinnt]] a bhuanachadh, bha Medellín na phrìomh-bhaile na Stàit Feadaral Antioquia gus 1888, le èigheachd [[Bun-Reachd]] na Coloimbia ann an 1886. 'S e làrach malairteach fiùghantach bh' ann am Medellìn rè na 19mh linne, tro as-mhalairt an [[òr|òir]] aig an toiseach, agus an uair sin tro chinneasachadh agus as-mhalairt a' [[cofaidh|chofaidh]]. An dèidh [[Cogadh na Mìle Làithean]] (1899 — 1902), 's e Medellín a' chiad bhaile ann an Coloimbia a ghabh pàirt anns an [[Tionndadh Gnìomhachais]] le stèidheachadh companaidhean a' chlòtha, agus pròiseactan còmhdhail mar an trèana, a mhisnich as-mhalairt, agus stèidheachadh iomadh oithighean agus sgoiltean dreuchdail, is iad a chruthaich [[Clas Buirdeasach Beag]].
 
Anns a' ceathreamhceathramh mu dheireadh na 20mh linne, bha prìomh àros [[Pablo Escobar]] maslach ann am Medellín, ceannard buidheann mhòr eucoirich, a bha an seachdamh duine a bu bheairte san t-saoghal tro mhalairt dhrogaichean, a-rèir aithisg bho [[Forbes|Iris Forbes]] ann an 1989.<ref>{{cite web|url = http://www.cocaine.org/colombia/pablo-escobar.html|title = P. Escobar}}</ref> 'S e "[[Cairteil a' Mhedellín]]" an t-ainm a chuir na meadhannan anns na Stàitean Aonaichte oirre, a chionn 's gun do stèidhich esan agus a chuid chompanaich an gnothach ann am Medellín.<ref>{{cite web|url=http://www.rakontur.com/2006/10/27/cocaine-cowboys/|title=Cocaine Cowboys|accessdate=2008-05-04|dae=27 October 2006}}</ref> Stiùireadh Escobar cogadh ceannaircich an aghaidh Riaghaltais Choloimbia rè na 80an agus na 90an, ann an cuid gus nach fheuch na h-ùgharrasan ri a thoirt air falbh gu na Stàitean Aonaichte e. Chaidh e a mharbhadh le feachdan Phoilis Choloimbia 2 an Dùbhlachd, 1993.
 
Fhuair am baile a chuid fhiùghantais gnìomhachasail air ais aig toiseach na 21mh linne, le togail siostaim treànaichean ris an canar [[Metro de Medellín]], agus le polasaidhean leasachaidh na bu shaoire, adhartasan anns an tèarainnteachd agus anns an fhoghlam, agus tro bhrosnachadh a' bhaile aig ìre eadar-nàiseanta mar cheann-uidhe [[turasachd]].