An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oi Polloi"

Content deleted Content added
b tusan
b fiosrachadh-canain
Loidhne 3:
Chlàraich iad na dusanan de chlàraidhean, theipichean agus CDan gus nach urrainn do Ruairidh cuimhneachadh cia mheud dhuibh a bh’ ann agus bidh iad air turas tron Roinn Eòrpa uair no trì gach bhliadhna. Tha iad cho ainmeil ann an saoghal a' phunc, agus tha e iongantach nach eil iad nas ainmeil anns an fharsaingeachd, ach tha iad gu math làidir mun fheallsanachd DIY agus cumaidh seo fon talamh iad gu ìre mhòr. Cha gabh iad idir ris na companaidhean-ciùil mòra.
 
Ann an 2013, rinn iad co-obrachadh ainmeil còmhla ri [[CLÀR]], am foillsichear Gàidhlig neo-eisimeileach, gus an leabhar ficsean-saidheans [[Air Cuan Dubh Drilseach]] le Tim Armstrong (bho [[Mill a h-Uile Rud]]), a chur air bhog aig tachartas mi-laghail air a’ chabhsair tron latha taobh a-muigh Elvis Shakespeare air Ceum Lìte an Dùn Èideann, agus air a bhàta The Cruz air a’ chidhe ann an Lìte air an oidhche.<ref>{{cite web |url=http://drilseach.net/2013/04/29/bogadh-punc-ann-an-dun-eideann/ |title=Bogadh Punc ann an Dun Eideann |author= Armstrong, Tim |date=April 2013 |publisher= DRILSEACH |accessdate=29 April 2013}}</ref> Aig an dà thachartas seo, b' e orain ann an Gàidhlig air fad a bh'aig Oi Polloi: cha robh aon òran Beurla aca.
 
[[image:Polloi Lindeberg.JPG|thumb|right|340px| Oi Polloi air an àrd-urlair san t-Suain]]