An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles Lapworth"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 10:
Ann an 1869 phòs e Janet Sanderson, nighean a' mhaighstir-sgoile anns [[An Geal Àth|a' Gheal Àth]] agus bhon uair sin bha e airson fuireach anns an sgìre seo. Bha e fhèin na mhaighstir-sgoile fad 11 bhliadhna ann an sgoil na h-Eaglais Easbaigich anns a' Gheal Àth. An uair sin chaidh e air ais don oilthigh gus clach-eòlas ionnsachadh agus thòisich e ag obair mar neach-cuideachaidh ann am Madras College ann an [[Cill Rìmhinn]], [[Fìobha]]. Ann an 1881 b' e esan a’ chiad ollamh airson clach-eòlas ann am ''Mason's College'', (an-diugh Oilthigh Bhirmingham) far an robh e a' teagasg gus an do leig e a dhreuchd dheth.
 
Chuir e seachad ùine faisg air [[Diùranais]] le mapadh na [[Gàidhealtachd]]. <ref>[http://www.birmingham.ac.uk/Images/College-LES-only/GEES/lapworth/ant-sron-1000x1375.jpg Dealbh de mhapa Lapworth ann an Diùranais] Oilthigh Bhirmingham</ref>.
B' e esan a' chiad fear a chruthaich an teòiridh chonnspaideach gun robh na creagan na bu sine nan laige air mullach nan creagan na b' òige. Bha e a' beachdachadh gum b' e pasgadh iom-fhillte a b' adhbhar. Chaidh an teòiridh a dhearbhadh le [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] leis an obair a rinn iad air iar-thuath na Gàidhealtachd.
 
Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rìoghail ann an 1888 agus fhuair e ''Royal Medal'' ann an 1891. Ann an 1899 fhuair e an ''Wollaston Medal'', an duais a b' àirde den ''Geological Society of London'' air sgàth na h-obrach aige air a' Ghàidhealtachd agus ann am Monadh a Deas. 'S ann air Lapworth a tha an loch eigheadail "Lake Lapworth" air ainmeachadh.
 
Chaochail e san [[13 am Màrt|13mh dhen Mhàrt]] [[1920]] ann am [[Birmingham]].
 
== Iomraidhean ==