An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles Lapworth"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 5:
== A Bheatha ==
Rugadh e san [[20 an t-Sultain|2mh den t-Sultain]] [[1842]] ann am Faringdon ann am ''Berkshire'' (an-diugh ''Oxfordshire'').
Fhuair Lapworth foghlam ann an ''Culham Diocesan Training College'' faisg air Abingdon airson a bhith na neach-teagaisg. An uair sin ghluais e do [[Comhairle nan Crìochan|na Crìochan]] far an do rinn e rannsachadh air fosailean nam beathaichean. Le mapadh mionaideach agus le modh-gabhail ùr-ghnàthach de sgrùdadh air fosailean sònraichte bha Lapworth a' sealltainn nach b' e dìreach aon sreath-leanmhainn tiugh de chreag Siluriananch ann ach gun deach sin a chruthachadh le mòran fhillidhean tana a bha air am pasgadh a-rithist is a-rithist. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach le fosailean gu h-àraidh le graptolites, a bha beò aig amannan sònraichte. Le sin bha e a' moladh gu bheil na creagan eadar na creagan cambrach ann an ceann a tuath na [[Cuimrigh]] agus an fheadhainn siluriananch ann an ceann a deas na Cuimrigh a bunntainn do dh'ùine gheolasach ùr: an t-àm Òrdobhaiseach.
 
[[File:Index fossils.gif|thumb|Fosailean sònraichte a bha beò aig amannan sònraichte a-mhàin]]
 
Ann an 1869 phòs e Janet Sanderson, nighean a' mhaighstir-sgoile anns [[An Geal Àth|a' Gheal Àth]] agus bhon uair sin bha e airson fuireach anns an sgìre seo. Bha e fhèin na mhaighstir-sgoile fad 11 bhliadhna ann an sgoil na h-Eaglais Easbaigich ann an Galashiels. An uair sin chaidh e air ais don oilthigh gus clach-eòlas ionnsachadh agus thòisich e ag obair mar neach-cuideachaidh ann am Madras College ann an [[Cill Rìmhinn]], [[Fìobha]]. Ann an 1881 b’ e esan a’ chiad ollamh airson clach-eòlas ann am ''Mason's College'', (an-diugh Oilthigh Bhirmingham) far an robh e a' teagasg gus an do leig e a dhreuchd dheth.