An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Johan Cruyff"

Content deleted Content added
Created page with "thumb|right|200px 'S e cluicheadair agus manaidsear ball-coise às Na Tìrean Ìsle a th'ann an '''Johan Cruyff''' (..."
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 20:15, 6 dhen Ògmhios 2013

'S e cluicheadair agus manaidsear ball-coise às Na Tìrean Ìsle a th'ann an Johan Cruyff (IPA: ˈjoːɦɑn ˈkrœy̆f, ainm slàn: Hendrik Johannes Cruijff, Amsterdam, 25 an Giblean 1947).[1]

Cluicheadair

Thoisich Cruyff ri cluiche còmhla ri Ajax, sgioba a bhaile aige fhèin, ann an 1957, nuair a bha e na bhalach òg. Chaidh e dhan sgioba mòr ann an 1964,[2] far a chuir e seachad 9 bliadhna, mus do chuir e ainm do chùmhnant airson Barcelona, thall san Spàinn.[3] Dh'fhuirich e an suid is e na chluicheadair gu ruige 1978. nuair a dh'fhàg e an Roinn-Eòrpa airson na Los Angeles Aztecs, fad seusan, agus seusan eile leis na Washington Diplomats sna Stàitean Aonaichte. An uair sin thill e dhachaigh gu Levante, ann an València, Ajax a-rithist agus mu dheireadh thall seusan le Feyernoord ann an Rotterdam. A bharrachd air sin, chluich e 48 geamaichean airson sgioba nàiseanta nan Tìrean Ìsle.

Manaidsear

An dèidh Feyernoord a leigeil ann an 1984, thoisich e a bhith na mhanaidsear còmhla ri Ajax, far an do chuir e seachad trì bliadhna.[4] Thill e gu Barcelona ann an 1988,[5] far an robh e uabhasach soirbheachail mar mhanaidsear fad ochd bliadhna. Leig e dheth a dreuchd an siud ann an 1996. Tha e air a bhith os cionn sgioba nàiseanta Catalòinia bho 2009. Phòs Cruyff le Danny Coster ann an 1968. Tha triùir duine-chloinne aca: Chantal, Susila agus Jordi. Thug iad an t-ainm Jordi air nuair a bha na heanainm Catalanach mi-laghail san Spàinn, ri linn Deachdaireachd Franco. Tha na daoine ann an Catalòinia uabhasach measail air air a shon. Thathar dhen gur e an cluicheadair as fhèarr a bh'ann a-riamh san Roinn-Eòrpa.[6]

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. IFHOF
  2. Ajax
  3. FC Barcelona
  4. Ajax
  5. FC Barcelona
  6. Die größten Fußballer der Geschichte