An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Benjamin Neeve Peach"

Content deleted Content added
+ iomradh eile
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Peach and Horne.jpg|thumb|Ben Peach (air an làimh dheas) agus John Horne air beulaibh taigh-òsta Innis nan Damh 1912)]]
[[Faidhle:Horne Monument, Inchnadmaph.JPG|thumb|Clach-chuimhneachain airson Peach is Horne ann an Innis nan Damh]]
'S e clach-eòlaiche a bha ann am '''Benjamin Neeve Peach''', ainm goirid Ben Peach. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air na cumaidhean geòlasach air a' [[Gàidhealtachd|Ghàidhealtachd]].

== A Bheatha ==
Rugadh e san [[6 an t-Sultain|6mh den t-Sultain]] [[1842]] ann an Gorran Haven, [[a' Chòrn]]. Bha an t-athair aige, Charles William Peach, na chlach-eòlaiche agus eòlaiche-nàdair neo-dhreuchdail.
 
Fhuair Peach a chuid foghlam ann an ''Royal School of Mines'' ann an [[Lunnainn]]. Ann an 1862 thòisich e ag obair airson an t-Suirbhidh Gheòlasaich agus air sgàth na dreuchd seo ghluais e a dh'Alba ann an 1867.
Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air an iar-thuath na [[Gàidhealtachd]] agus ann am Monadh a Deas còmhla ris a' charaid agus co-obraiche [[John Horne]]. Bha Horne an sàs ann am mapadh mionaideach ach b' ann aig Peach a bha an sgil smaoineachaidh airson dealbh a chruthachadh às na fillidhean de na clachan eadar-dhealaichte a bha rim faicinn air mullach an talmhainn agus air na mapaichean<ref>[http://www.scottishgeology.com/geo/famous-scottish-geologists/benjamin-peach-1842-1926/ scottishgeologie] air a tharraing 4 an t-Ògmhios 2013</ref>. 'S e neach-ealain a bha ann am Peach cuideachd, agus chleachd e sin gus mìneachadh gluasad nan structaran a chur ri pàipear <ref>[http://www.see.leeds.ac.uk/structure/assyntgeology/phpgallery/handlebrowse.php?resultpage=1&categoryid=14 Assynt's geology] Dealbhan aig Peach; air a tharraing 4 an t-Ògmhios 2013</ref>. Bha an obair aca, gu h-àraidh an leithid a rinn iad ann an [[Creag a' Chnocain]], a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.
 
Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann ann an 1892 agus fhuair e 1899 am ''Murchison Medal'' bhuapa ann an 1899. Ann an 1921 fhuair e an ''Wollaston Medal'', an duais asa b' àirde den ''Geological Society of London''.
 
Chaochail e san [[29 am Faoilleach|29mh den Fhaoilteach]] [[1926]] ann an [[Dùn Èideann]]. Gus urram a thoirt don obair aige chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan "''To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980''."
 
== Foillseachaidhean ==