An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "John Horne"

Content deleted Content added
Loidhne 4:
== A bheatha ==
 
Rugadh e ann an Campsie faisg air [[Sruighlea]] san [[1 am Faoilleach|1ad den Fhaoilleach]] [[1848]]. Fhuair e a chuid foghlaim ann an àrd-sgoil Ghlaschu agus an uair sin ann an [[Oilthigh Ghlaschu]]. Ann an 1867 thòisich e ag obair airson na Suirbhidh Geòlasaich ann an Alba mar neach-cuideachaidh do [[Ben Peach]]. Cha b' e fada gungus an do dh'fhàs iad càirdeas ri chèile. Bha Horne an sàs ann an cruthachadh mhapaichean , an toiseach anns a' Ghalltachd. An uair sin rinn e pàirtean mòra den Moine Thrust ann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Anns na mapaichean aige chithear cruth na tìre gu mionaideach <ref>[http://www.see.leeds.ac.uk/structure/assyntgeology/phpgallery/image/maps/peach_horne/inch Eisimpleir de na mapaichean], air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013</ref> <ref>[http://www.see.leeds.ac.uk/structure/assyntgeology/phpgallery/image/maps/peach_horne/lewmap Mapa mionaideach] le [[Gneiss Leòdhasach]], air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013</ref>.
 
B' e duine loidigeach a bha ann an Horne, agus bha an dòigh smaoineachaidh is sgrìobhadhsgrìobhaidh aige a chur ris an sgil lèirsinneachd aig Peach
<ref>[http://www.scottishgeology.com/geo/famous-scottish-geologists/benjamin-peach-1842-1926/ Ben Peach aig scottishgeology.com], air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013</ref><ref>[http://www.scottishgeology.com/geo/famous-scottish-geologists/john-horne-1848-1928/ John Thorne aig scottishgeology.com], air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013</ref>. Bha an obair aca, gu h-àraidh an leithid a rinn iad ann an [[Creag a' Chnocain]], a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.