An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 3 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q459773 (translate me)
No edit summary
Loidhne 1:
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am '''Bruach Tatha''' ('''Brochtie''' sa [[a' Bheurla Ghallda|Bheurla Ghallta]]), a tha a-nis na phàirt de [[Dùn Dèagh|Chathair Dhùn Dèagh]], suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach [[Linne Tatha]], air taobh ear na h-[[Alba]]. Canaidh muinntir a' bhaile ''The Ferry'' ris, agus 's e '''Broughty Ferry''' an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar [[iomall-bhaile]] Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e '''Bruach Tatha''' an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig '''Brocht-Brochtie''' is an uairsin '''Broughty''' sa [[Beurla|Bheurla]]. Bhathas a' cuideachd a' toirt "Brothaig" air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile '''Aiseag Bhrothaig'''. B' e [[borgh]] neo-eisimileach a bh' ann am Bruach Tatha bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach ann am [[Borgh Rìoghail]] Dhùn Dèagh ann an 1913.
 
[[Image:BroughtyWaterFront.jpg|thumb|left|280px|An t-seann bhaile-iasgaich]]
Loidhne 9:
Tha fianais ann air tuineachadh daonna bho chionn an linn ro-eachdraidheil agus dh'fhàs e gu bhith na bhaile iasgaich 's muc. B' e dachaigh Barain Gnìomhachas mòr an [[Diut]] san 19mh linn, agus dh'èigheadh air "am mìle ceàrnagach as beartaiche s[[an Roinn-Eòrpa]]" aig an àm sin.
 
Chaidh [[Caisteal Bhrothaig]] a thogail ann an 1492, 's e a' dìon beul na h-aibhne gu 1932. Ach, a-rèir coltais, chaidh an caisteal, mar a tha e an-diugh, a thogail aig deireadh na naoidheimh linn deug, air an dearbh làraich far an robh an t-seann DhaingneachDaingneach. Tha e na sheasamh air roinn creige am Beul na Tatha.
 
Bha an [[Caisteal]] seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an [[Cogadh Sìobhalta Shasainn.]]Ghabhadh le [[cabhlach]] Shasannach e sa bhliadhna 1547, agus thugadh air ais bhuapa e le cabhlach [[Albannach|Albannaich]] is [[Frangach|Fhrangaich]] sa bhliadhna 1550. B' e seo [[sèist]] a chuir crìoch air a' [[cogadh|chogadh]] mu dheireadh eadar [[Alba]] agus [[Sasann]]. Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil agus bhathas a' cumail a-mach am beul a' bhaile gur e balla canain a dh' adhbhraich e, ach chan eil cinnt ann ma tha seo fìor, gus nach eil. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor- an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: [[gnìomhachas nam mucan-mara]], [[gnìomhachas an diut]], cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air [[dualchas nàdair]] an àite cuideachd.
 
Mus deach a' chiad Drochaiddrochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b' e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loighne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar [[Port na Creige]] agus Bruach Tatha.
 
Chaidh [[bàta-teasairginn]] a' bhaile, [[Bàta-teasairginn Mona]], a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri [[long]] a bha [[eadar-dha-leann]] a shàbhaladh.