An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Middelburg"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] meadhanach agus sgìreachd ([[Duitsis]]: gemeente) faisg air [[Zierikzee]], air an àirde an ear-dheas [[Na Tìrean Ìsle|nan Tìrean Ìsle]] a th' ann am '''Middelburg''' ([[IPA]]: '''mɪdəɫˌbʏrx''', [[Fraingis]]: Middelbourg, [[Laideann]]: Medioburgum). Tha e suidhichte air [[leth-eilean]] eadar dà [[Caol|Chaolas]]: Veerse Weer ann an ceann a tuath agus Westerschelde ann an ceann a deas, 8m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/netherlands/2750896/middelburg Mongabay]</ref> anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 131km air falbh bho [[Amsterdam]] ([[prìomh-bhaile]] na dùthcha), 75km bho [[Rotterdam]], 80km bho [[Den Haag]], 72km bho [[Zundert]] agus 123km bho [[Utrecht]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Chaidh Middelburg a chlàradh airson a' chiad turas ann an [[844]] agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an [[1217]]. Tha 47,308 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.cbs.nl/nl-NL/menu/home/default.htm Centraal Bureau voor de Statistiek]</ref> Tha ministear [[Eaglais|na h-eaglaise]] [[Pròsdanachas|Phròstanach]] sa bhaile, fear air a bheil [[Klaas Hendrikse]], air leabhar neo dhà a sgrìobhadh far a chanas e nach eil [[Dia]] idir ann. ‘S e 'Am Ministear [[Neo-dhiadhaireachd|Neo-dhiadhaire]]' am far-ainm a tha air.<ref>[http://www.inktpotgenootschap.nl/index.php/activiteiten/17-dominee-klaas-hendrikse-over-kerk-geloof-en-ongelooff Inkpotgenootschaft]</ref>
 
==Daoine Ainmeil==