An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uicipeid:Doras na coimhearsnachd"

Content deleted Content added
Loidhne 800:
 
A chàirdean, cha chreid mi gum bu chòir dhuinn a bhith buileach cho teann 's a tha tè na Beurla ach saoilidh mi gu bheil sinn a' cleachdadh na roinnean-seòrsa tuilleadh 's fialaidh an-seo, tha torr dùblachadh ann. Chanainn nach bu chòir dhuinn duilleag a chur ann an iomadh roinn ma tha iad gu soilleir fo chàch a chèile. Mar eisimpleir, ma tha duilleag againn air baile ann an Alba, cha leig sinn a leas a chur ann an [Alba] agus [Bailtean na h-Alba] oir tha [Bailtean na h-Alba] fon roinn [Alba] e fhèin. Saoilidh mi gu bheil na roinnean seo ann airson 's gum bi e nas fhasa rud a lorg ann an roinn ach ma tha sinn tuilleadh 's fialaidh leotha, bith cuid dhiubh ann a bhios cho mòr 's gum bi iad cha mhòr gun fheum. Dè ur beachd? [[Cleachdaiche:Akerbeltz|Akerbeltz]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Akerbeltz|talk]]) 09:34, 11 dhen Chèitean 2013 (UTC)
 
:Ged a tha mi ag aontachadh nach eil againn air leantainn gach riaghailt Uici Bheurla, nam bheachd-sa tha an argamaid aig [[:en:Wikipedia:Categorization#Subcategorization]] gu math reusanta. Faodaidh gu bheil grunn dhuilleagan ann a bhiodh na b' fheàrr air an liostadh an dà chuid fo roinn agus fon fho-roinn aice, ach san fharsaingeach, tha mi air roinnean mar sin a sguabadh nuair a mhothaicheas mi dhaibh greis mar tha [http://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Winston_Churchill&diff=prev&oldid=380191]. --[[Cleachdaiche:Thrissel|Thrissel]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Thrissel|talk]]) 20:18, 11 dhen Chèitean 2013 (UTC)