An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia"

Content deleted Content added
b Robot: Removing br (strong connection between (2) gd:Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia and br:Republik an Div Vroad),ar (strong connection between (2) gd:Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia and [[ar:الكومنولث البولن...
No edit summary
Loidhne 14:
}}
 
B’ e '''Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia''' ([[Pòlais]]: Rzeczpospolita Korony Polskiej i Wielkiego Księstwa Litewskiego, [[Liotuànais]]: Abiejų Tautų Respublika) stàit air an àirde an ear na Roinn Eòrpa a mhair bho [[1569]] gu ruige [[1795]] is e ga stiùireadh eadar [[A' Phòlainn]] agus [[Liotuàinia]]. Chaidh an stàit seo a sgaradh eadar [[An Ostair]], [[An Ruis]] agus [[A’ Phrùis]] mean air mhean tron [[18mh Linn]] gus a an deach e à bhith.
 
‘S e stàit mhòr air a sgaoileadh tro na tìrean a bha fo bhuaidh na Pòlainn is Liotuàinia roimhe, air a stèidheachadh air aonaidhean is còrdaidhean eatorra a bh’ann an Co-fhlaitheas, gu h-àraidh an dèidh an Aonaidh Krew ([[1386]]).<ref>Jučas, Mečislovas (2000), Lietuvos ir Lenkijos unija, Aidai, ISBN 9986-590-95-7</ref> Bha siostam poiliteagach anabarrach ann, air an robh [[Deamocrasaidh]] nan Uachdaran neo Saorsa an Òir, far an robh cumhachdan an rìgh fo bhuaidh na Sejm ([[Gàidhlig]]: [[Pàrlamaid]]) agus nan [[Uachdaran]].<ref>[http://www.sciaga.pl/tekst/69476-70-historia_sejmu_polskiego Sciaga]</ref> ‘S e roi-ruithear a’ dheamocrasaidh, na monarcachd bhun-reachdail agus na feadaraileachd a th’ann an latha an-diugh a bh’ann an siostam siud. A bharrachd air sin, chaidh [[Bun-Reachd]] nàiseanta a chur air chois mus do deach an Co-fhlaitheas à bhith ([[1505]]), is e an dàrna fear as aosda ann an eachdraidh na cruinne a bh’ann.<ref>[http://www.poland.gov.pl/ Riaghaltas na Pòlainn]</ref> Gu foirmeil, bha an dà stàit co-ionnan ach ‘s e leis A’ Phòlainn a bha làmh an uachdair.<ref>[http://es.poland.gov.pl/La,Rep%C3%BAblica,de,las,dos,Naciones,1096.html Riaghaltas na Pòlainn]</ref> Bha àite uabhasach làidir aig an [[Eaglais Chaitligeach]] anns a’ Phoblachd, ged an robh an dùthaich gu math ceadach taobh [[creideamh|chreideamhan]], rud a dh’atharrachadh mean air mhean tro na linntean.<ref>Byzanz und Ostmitteleuropa, 950-1453, Herausgegeben von Günter Prinzing und Maciej Salamon, Otto Harrassowitz Verlag, 1999, ISBN 9783447041461</ref> ‘S e [[àiteachas]] a bha aig cridhe an [[eaconomaidh]]. Bha an stàit gu math soirbheachal airson an dà nàisean aig an toiseach, tron aois an òir mar a chanadh e, ach bha an dàrna linn beagan na bu chruaidh dhuibh: call armailteach, [[ar-a-mach]] nan croitear, buaireas poiliteagach. Tha e inntinneach gur robh an t-ainm ann am Pòlais a’ ciallachadh Poblachd Crùn na Pòlainn agus na Diùcachd Mòire Liotuàinia,<ref>[http://dict.pl/dict_iso Dict]</ref> leis gur e A’ Phòlainn a bha a’ stiùireadh na stàite. Tha an t-ainm anns an Liotuanais a’ ciallachadh dìreach Poblachd na Dà Nàisein.<ref>[http://www.lingvozone.com/LingvoSoft-Online-English-Lithuanian-Dictionary Lingvozone]</ref>