An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Catharra Ameireaganach"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 10:
|-
|}
Thachair an '''Cogadh Cathara Ameireaganach''' eadar [[1861]] agus [[1865]] eadar na stàitean a deas a bha a'strì dùthaich neo-eismileach stèidheachadh agus na stàitean a tuath a bha airson an dùthaich a chumail aoinaichte. Thàinig an [[cogadh]] gu crìoch nuair a bhuanaich na Stàitean a Tuath. 'S e cogadh a b'fhuiltiche ann an eachdraich [[na Stàitean Aonaichte]]. Chaidh tòrr is 600,000 saighdearan[[saighdear]]an a mharbhadh ann.
 
== Adhbharan ==
Anns a'cheann a deas na Stàitean Aonaichte, bha mòran de dhaoine a bh'air an cùmail ann an tràillealachd, daoine dhubha a bh'air an toirt thar a'[[Cuan Siar|Chuain Siar]] bhon [[Afraga]]. Ged a bha tràillealachd ceadaichte air feadh na Stàitean Aonaichte aig àm an [[Aramach Ameireaganach|Aramach]], 's ann ann an ceann a deas gu h-àraidh a dh'fhàs i cudromach dhan eaganamaidh ionadail anns na bliadhnaichean a lean deireadh an Aramach. Aig an dearbh àm , chaidh tràillealachd à bith builleach anns a'cheann a tuath.
 
Aig àm a'chogaidh 1812 eadar na Stàitean Aonaichte agus a'Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora sa bha stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a'ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dhà sheanair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealach deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh ann an 1820, co-dhùn iad, bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an darna tè saor agus an tè eile tràillealach. Mar sin, cha chàileadh na stàitean tràillealach an cuid co-ionnanachd de chùmhachd.