An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair MacGriogair"

Content deleted Content added
No edit summary
chuir ris a' chlàr-leughaidh
Loidhne 1:
Rugadh an t-urramach '''Alasdair MacGriogair''' anns a’ bhliadhna [[1806]], an Gleann-garthan, ri taobh Uisge Dhé, an [[Siorrachd Obar-Dheadhain]] far an robh athair ‘n a mhinisteir. Ghluais athair gu sgìre Chill Mhoire an Tròndairnis ‘s [[an t-Eilean Sgitheanach|an eilean Sgitheanach]], agus an dèidh àireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh Alasdair MacGriogair gu bhi ‘n a cho-aoghaire d’a athair. Dh’fhan e an sgìre Chill Mhoire gus a bhliadhna [[1850]], an uair a chaidh a ghairm do eaglais Ghàidhlig Dhùn-éideinn Èidinn. Tri bliadhna ‘n'n a dhéidh sin chaidh e do [[Inbhir-Nis]], far an do chaochail e anns a’ bhliadhna 1881. Sgriobh e àireamh mhór phaipearanphàipearan air iomadh stéidh anns a’''Chuairtear'', am ''Fear-tathaich nam Beann'', agus anns a’ ''Ghaidheal'', cuid diubh fo’n ainm ''Sgiathanach'', is cuid eile fo’n ainm ''Alasdair Ruadh''. Bha buaidh shònraichte aig an duine fhòghluimte urramach so air nochdadh an cainnt shoilleir bhrìoghmhor nithean àrda agus cudthromach nach gabh mìneachadh gu furasda ‘s a’ Ghàidhlig.
 
 
=== Sgrìobhaidhean ===
* Mac Griogair, An t-Urramach Alasdair. (1915) 'Air Cruinn-mheallaibh Soillseach nan Speur' ''Rosg Gàidhlig: Specimens of Gaelic Prose'' W. J. Watson (deas.) Inverness: An Comunn Gaidhealach, d.8-13.
 
''TOBAR-EOLAIS''