An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ken Kesey"

Content deleted Content added
New page: B'e Ken Kesey (rug. 17 den t-Sultain 1935 - 10 den t-Samhainn 2001) ùghdar Aimearaganach a tha is ainmeil airson an leabhar aige, One Flew Over the Cuckoo's Nest. == Beatha Trath == R...
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 17:21, 27 dhen Ghearran 2007

B'e Ken Kesey (rug. 17 den t-Sultain 1935 - 10 den t-Samhainn 2001) ùghdar Aimearaganach a tha is ainmeil airson an leabhar aige, One Flew Over the Cuckoo's Nest.


Beatha Trath

Rug e ann an Colorado ach bha e air a thogail ann an Oregon, far a bheil One Flew Over the Cuckoo's Nest air a shuidheachadh. As deidh dha bhi air a thaghadh mar am balach is coltach bhith soirbheachail bhon an àird-sgoil aide chaidh e gu Oilthigh Oregon. Phòs e ann a 1956 agus blidhna as deidh sin fhuair e ceum bachelor bhon oilthigh. As deidh seo chlàraich e ann an cùirse airson sgriobhadh cruthaicheal aig Oilthigh Stanford agus is ann fhads a bha e an seo a thoisich e ag obair aig ionad inntinn. Is ann tron an eòlas a fhuair Kesey air na h-euslaintich anns an ionad a tha cuid de na tachartan ann an One Flew Over the Cuckoo's Nest steidhichte air.


One Flew Over the Cuckoo's Nest

Bha One Flew Over the Cuckoo's Nest na shoirbheachas plathadh nuair a bha air fhoillseachdh ann an 1962. Bha e air a thogail mar dealbh cluich ann an 1963 le Kirk Douglas a' cluich am prìomh caractair, McMurphy, agus cuideachd mar fiolm ann an 1975 air a' stiùradh le Miloš Forman agus le Jack Nicholson a' cluich McMurphy.


Beatha as deidh One Flew Over the Cuckoo's Nest

Leis am beartas ùr a bha aige, cheannaich Kesey tuathanas ann an California far an robh e fhèin agus a charaidean a' deuchainn leis an drog LSD. Bha e a' creidsinn gum b'urrainn dha drogaichean mar LSD a bhith air an cleachdadh airson stuidsean inntinn eadar-ealaichte a' ruighinn agus gum b'urrainn dha seo sòisealtas a' leasachadh. Bha beachdan mar seo, comhla ris an iomagain a bha aig cuid de dhaoine mu dheidhinn drogaichean anns na seasgadan, dha thoirt gu aire na h-ùghdarrasan laghail, agus aig aon puing bha aig Kesey ri teich air falbh gu Meagsaco nuair a' lorg poilis e a' feuchainn ri cainb a fhliuch shìos taigh-beag.