An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Chaidh 1 bhaidht a chur ris ,  15 bhliadhnaichean air ais
A' ceartachadh litreachadh
(a' sgioblachadh ceangal)
(A' ceartachadh litreachadh)
Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, 'Allt an t-Siùcair'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e [[faclairean Gàidhlig|faclair Gàidhlig]], a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an [[Gàidhlig]] na h-Alba a-riamh.
 
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhìonain far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Oig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh mun àm seo, leithid 'Oran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', 'Òran don Phrionnsa Teàrlach ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean Hanòbhair. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_Lodair|BlàrBhlàr Chùil-Lodair]] ag innse stòiridh [[Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.
 
As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
Cleachdaiche gun ainm