An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"
Alasdair mac Mhaighstir Alasdair (deasaich)
Mùthadh on 23:19, 20 dhen Ghearran 2007
, 15 bhliadhnaichean air aisgun ghearr-chunntas deasachaidh
(a' sgioblachadh ceangal) |
No edit summary |
||
Rugadh '''Alasdair MacMhaighstir Alasdair''', no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an [[Àird nam Murchan]], far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'[[Uibhist_a_Deas|Uibhist a-Deas]] agus bha ceanglaichean làidir aca ri [[Clann Raghnaill]].
A-rèir [[beul-aithris]] 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu, ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à [[Gleann Eite]]. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an Eilean Fhìonain, faisg air far a bheil [[An_Gearasdan|an Gearastan]] an-diugh.
Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, 'Allt an t-Siùcair'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e [[faclairean Gàidhlig|faclair Gàidhlig]], a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an [[Gàidhlig]] na h-Alba a-riamh.
|