An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Chaidh 9 baidhtichean a thoirt air falbh ,  15 bhliadhnaichean air ais
Ceartachadh puingealachaidh
(Duilleag ur)
 
(Ceartachadh puingealachaidh)
Rugadh '''Alasdair MacMhaighstir Alasdair''', no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an [[Àird nam Murchan]], far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'[[Uibhist a-Deas]] agus bha ceanglaichean làidir aca ri [[Clann Raghnaill]].
 
A-rèir [[beul-aithris]] 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu, ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à [[Gleann Eite]]. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an Eilean Fhìonain, faisg air far a bheil [[an Gearastan]] an-diugh.
As dèidh [[Bhlàr Chùil-lodair]] bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
 
Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal 'Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid 'Moladh Mòraig' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.
 
Bhàsaich Alasdair ann an Sanndaig ann an Arasaig timcheall air 1770 agus tha e air a thiodhlaigeadh ann an seann chladh Chille Mhuire an sin.
 
Tha cunntas air beatha Alasdair na òige ri fhaighinn anns an leabhar aig Raghnall MacIlleDhuibh 'Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: The Ardnamurchan Years' (Coll, 1986).
Tha fiosrachadh mun bhàrdachd aige ann an 'An Introduction to Gaelic Poetry' le Ruaraidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990) agus ann an 'Gaelic Poetry in the Eighteenth Century', leis an aon ùghdar (Obar Dheathain, 1993).
Tha a' mhòr-chuid de bhàrdachd air a cruinneachadh ann an 'The Poems of Alexander MacDonald', deasaichte le MacDhòmhnaill agus MacDhòmhnaill (Inbhir Nis, 1924).
 
==Ceanglaichean a-muigh==
Cleachdaiche gun ainm