An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Am Pàipear Beag"

Content deleted Content added
Eadar-theangachadh na duilleig Bheurla
 
Ceartachadh litreachadh
Loidhne 1:
Tha a' '''West Highland Free Press''', no 'Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich/Am Pàipear Beag', mar as fheàrr a dh'aithnichear e anns a' Ghàidhlig, na phàipear-naidheachd ionadail ann an [[Gàidhealtachd]] na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 1972 le Brian MacUilleim. Tha e ga fhoillseachadh gach Diardaoin anns an Ath Leathann anns [[an Eilean Sgitheanach]].
 
'S e sluagh-ghairm a' phàipeir sluagh-ghairm Caidreamh Fearann na Gàidhealtachd on naoidheamh linn deug, 'An Tìr, an Cànan 's na Daoine'. Tha seo a' nochdadh prìomhachasan a' phàipeir, nam measg leasachadh na Gàidhlig agus ath-chruthachadh laghan fearainn. Tha am pàipear taiceil do dh'iomairt nan tuathanasan-gaoithe air Ghàidhealtachd agus bha e gu mòr an sàs anns an iomairt gus cur às do chìsean Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' taobhachadh ris a' Phàrtaidh Làbarach, rud nach eil dh'fhaoite na ìognadh leis mar as ann le ball den Phàrtaidh a chaidh a stèidheachadh, agus 's e seo a choisinn dha am far-ainm sgaiteach ''West Highland Free Pravda''.