An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"

Content deleted Content added
b ltr
bNo edit summary
Loidhne 1:
[[Image:BookDeerLukeFol029v.jpg|thumb|200px|Air folio 29v tha dealbh den t-soisgeulaiche Lucas.]]
 
’S e leabhar shoisgeul sa Laidinn bhon 10mh Linn a tha ann an '''''Leabhar Dhèir''''' (Leabharlann Oilthigh Chambridge, MS. Ii.6.32) ach chaidh a chur ris anns an 12mh Linn ann an Laideann, Seann-Ghaeilge agus Gàidhlig na h-Albann. Tha e ainmeil air sgàth ’s gur e seo an sgrìobhadh as sinnesine a tha againn ann an Gàidhlig bho Albainn.
 
Chan eil e cinnteach cà an deach an leabhar a sgrìobhadh an toiseach, ach tha e reusanta creidsinn gun robh an làmh-sgrìobhainn aig Dèir ann an [[Siorrachd Obar Dheathain]] nuair a chaidh na sgrìobhaidhean-iomaill a chur ris. Is dòcha gur e an làmh-sgrìobhainn as sine a mhaireas againn bho Albainn (ach faic ''[[Leabhar Cheanannais]]''). Tha e airidh gun deach a sgrìobhadh ann an sgìre a thathar a-nis a’ cunntadh a bhith taobh a-muigh na [[Gàidhealtachd]]. Tha an làmh-sgrìobhainn den ghnè ''Irish pocket Gospel Books'', a chaidh an dèanamh airson cleachdadh prìobhaideach seach sheirbheisean eaglaise. Ged is iad làmh-sgrìobhainnean Èireannach a tha sna na làmh-sgrìobhainnean gu léir as fhaisge air, tha a’ mhòrchuid de sgoilearan den bheachd gun deach a dhèanamh ann an Albainn. Tha 86 duilleagan san leabhar, agus meudachd 54 mm × 107 mm. Tha e sgrìobhte air meamran le inc dhonn, agus tha ceangladh agus cuibhreachadh ùr-nòsach air.