An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"

Content deleted Content added
→‎Ceanglaichean a-muigh: + roinn-seòrsa
No edit summary
Loidhne 1:
[[Image:BookDeerLukeFol029v.jpg|thumb|200px|Air folio 29v tha dealbh den t-soisgeulaiche Lucas.]]
 
’S e leabhar shoisgeul sa Laidinn bho 10mh Linn a tha ann an '''''Leabhar Dhèir''''' (Leabharlann Oilthigh Chambridge, MS. Ii.6.32) ach chaidh a chur ris anns an 12mh Linn ann an Laideann, Seann-Ghaeilge agus Gàidhlig na h-Albann. Tha e ainmeil air sgàth ’s gur e seo an sgrìobhadh as sinne a th’againnth' againn ann an Gàidhlig bho Albainn.
 
Chan eil e cinnteach cà an deach an leabhar a sgrìobhadh an toiseach, ach tha e reusanta creidsinn gun robh an làmh-sgrìobhainn aig Dèir ann an [[Siorrachd Obar Dheathain]] nuair a chaidh na sgrìobhaidhean-iomaill a chur ris. Is dòcha gur e an làmh-sgrìobhainn is sinne a mhaireas againn bho Albainn (ach faic ''[[Leabhar Cheananannais]]''). Tha e airidh gun deach a sgrìobhadh ann an sgìre a thathar a-nis a’ cunntadh a bhith taobh a-muigh na [[Gàidhealtachd]]. Tha an làmh-sgrìobhainn den ghnè ''Irish pocket Gospel Books'', a chaidh an dèanamh airson cleachdadh prìobhaideach seachasseach sheirbheisean eaglaise. Ged is iad làmh-sgrìobhainnean Éireannacha a tha sna na làmh-sgrìobhainnean gu léir as fhaisge air, tha a’ mhórchuid de sgoilearan den bheachd gun deach a dhèanamh ann an Albainn. Tha 86 duilleagan sa leabhar, agus meudachd 54 mm × 107 mm. Tha e sgrìobhte air meamran le inc dhonn, agus tha ceangladh agus cuibhreachadh ùr-nòsach air.
 
Tha ''Leabhar Dhèir'' air a bhith ann an seilbh [[Leabharlann Oilthigh Chambridge]] bho 1715, nuair a chaidh leabharlann John Moore, Bishop of Ely a thiolacadh gu [[Oilthigh Chambridge]] leis an Rìgh Deòrsa I..<ref name="bookofdeer.co.uk">http://bookofdeer.co.uk/the-book-of-deer/</ref>
Loidhne 12:
[[Image:BookDeerMattCh1vv18 21Fol05r.jpg|thumb|left|200px|Air folio 5r tha [[Soisgeul Mhata]] 1:18 gu 1:21. Seall am measgadh-litreach Chi Rho a tha san oisein shuas air an taobh chlì. ’S e sgrìobhadh sa Ghàidhlig a tha san iomall.]]
 
Tha seachd teacsaichean ann an [[Gàidhlig na h-Alba|Gàidhlig na h-Albann]] anns na àiteachan a bha bàn timcheall air na prìomh theacsaichean. Anns na [[sgrìobhaidhean-iomaill]] seo tha cunntas air stéidheachadh a’ mhainistir le [[Calum Cille]] agus [[Drostan]], agus clàraidhean de chóig pìosan fearainn a chaidh a thiodhlacadhthìodhlacadh dhan mhainistir agus saorsa bho chìsean àiridhàraidh. Tha cuideachd lethbhreac de Chairt sa Laideann a thug [[Daibhidh I na h-Alba|Rìgh Daibhidh I]] don mhainistir, ga dhìon bho “omni laicorum officio et exactione indebita” (gach dleastanas a bhios air an tuath agus gach cìs eugóireacheucoireach). Chaidh na teacsaichean Gàidhlig a sgrìobhadh ri uiread agus cóig sgrìobhadairean eadar-dhealaichte. Is iadsan na sgrìobhaidh Gàidhlig as sinne a mhaireas againn bho Albainn. Leis a sin, tha iad cudromach air sàillibh na tha iad sealltainn dhuinn a thaobh leasachadh tràth a’ chànain ann an Albainn.
 
==Am maiseachadh==
Is léir gun deach deagh smaoineachadh a dhèanamh ro làimh air an sgeumasgeama maiseachain, oir tha siostam coileanta ann. Tha ceithir coltasan làn-duilleige ann de na soisgeulaichean. Tha gach fear dhiubh mu choinneimh duilleag de theacsa air a bheil oir de mhaiseachadh fighte ceilteachCeilteach. Tha an leabhar a’ tòiseachadh le meanbh-choltas làn-duilleige den cheathrar shoisgeulaichean. Agus tha e a’ dùnadh le dà thaobh-duilleige an aghaidh a chéile, gach fear dhiubhsan cuideachd le meanbh-choltas làn-duilleige de na soisgeulaichean. Tha an teacsa mu dheireadh de ''Eòin'' a’ crìochnachadh le meanbh-choltas leth-dhuilleige de dhithis fhireannach. Tha tùs-litrichean beaga maisithemaisichte air feadh an teacsa. Tha deich duilleagan ann cuideachd, iad uile san dàrna leth den leabhair, anns a bheil dealbhan de dh’fhireannaich, de bheathaichean, no sgrochlaidhean sìmplidh.
 
==Có às ’s a thàinig e?==
Tha ainm an leabhair a’ tighinn bhon mhainistir ann an Dèir air a bheil luaidh san teacsa agus anns a’ Chairt Laideann aig [[Daibhidh I na h-Alba|Rìgh Daibhidh I]]. Gu mì-fhortanach, cha do dh’fhàg a’ choimhearsnachd seo rian eile againn gun robh i ann, ged a chaidh mainistir Cistercianach a stéidheachadh faisg air an àite sa bhliadhna 1219, aig an robh seilbh air cuid de na talamhan air a bheil trachdtràchd san teacsa Gàidhlig. Thàinig e gu Leabharlann Oilthigh Chambridge sa bhliadhna 1715 nuair a cheannaich an Rìgh Deòrsa I an cruinneachadh a bha aig John Moore, Easbaig Ely, agus gun do thiodhlaic e dhan Oilthigh e. Roimhe sin, tha e coltach gun robh seilbh air aig Thomas Gale, prìomh mhaighstir Sgoil Naomh Pòl ann an Lunnainn.<ref name="bookofdeer.co.uk"/> Chan eil fios ciamar a thàinig an leabhar gu bhith ann an Sasainn, ach tha amharas aig cuid gun deach a chreach sna [[Cogaidhean Saoirse na h-Albann]] eadar deireadh an 13mh Linn agus toiseach an 14mh Linn.
 
==Tùsan fiosrachaidh==
Loidhne 32:
 
==Ceanglaichean a-muigh==
*[http://cudl.lib.cam.ac.uk/view/MS-II-00006-00032 An làmhsgrìobhainnlàmh-sgrìobhainn slàn air loidhne] - bho Leabharlann Oilthigh Chambridge
*[http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/20961989 Leabhar Dhèir air-loidhne] - naidheachd bhon BBC, 2013-01-09
*[http://www.bookofdeer.co.uk Book of Deer project]