An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"

Content deleted Content added
Loidhne 12:
[[Image:BookDeerMattCh1vv18 21Fol05r.jpg|thumb|left|200px|Air folio 5r tha [[Soisgeul Mhata]] 1:18 gu 1:21. Seall am measgadh-litreach Chi Rho a tha san oisein shuas air an taobh chlì. ’S e sgrìobhadh sa Ghàidhlig a tha san iomall.]]
 
Tha seachd teacsaichean ann an [[Gàidhlig na h-Alba|Gàidhlig na h-Albann]] anns na àiteachan a bha bàn timcheall air na prìomh theacsaichean. Anns na [[sgrìobhaidhean-iomaill]] seo tha cunntas air stéidheachadh a’ mhainistir le [[Calum Cille]] agus [[Drostan]], agus clàraidhean de chóig pìosan fearainn a chaidh a thiodhlacadh dhan mhainistir agus saorsa bho chìsean àiridh. Tha cuideachd lethbhreac de Chairt sa Laideann a thug [[Daibhidh I na h-Alba|Rìgh Daibhidh I]] don mhainistir, ga dhìon bho “omni laicorum officio et exactione indebita” (gach dleastanas a bhios air an tuath agus gach cìs eugóireach). Chaidh na teacsaichean Gàidhlig a sgrìobhadh ri uiread agus cóig sgrìobhadairean eadar-dhealaichte. Is iadsan na sgrìobhaidh Gàidhlig as sinne a mhaireas againn bho Albainn. Leis a sin, tha iad cudromach air sàillibh na tha iad sealltainn dhuinn a thaobh leasachadh tràth a’ chànain ann an Albainn.
 
==Am maiseachadh==