An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 5:
Chan eil e cinnteach cà an deach an leabhar a sgrìobhadh an toiseach, ach tha e reusanta creidsinn gun robh an làmhsgrìobhainn aig Dèir ann an [[Siorrachd Obar Dheathain]] nuair a chaidh na sgrìobhaidhean-imill a chur ris. Is dòcha gur e an làmhsgrìobhainn is sinne a mhaireas againn bho Albainn (ach faic ''[[Leabhar Cheananannais]]''). Tha e airidh gun deach a sgrìobhadh ann an sgìre a thathar a-nis a’ cunntadh a bhih taobh a-muigh na [[Gàidhealtachd]]. Tha an làmhsgrìobhainn den ghnè ''Irish pocket Gospel Books'', a chaidh an dèanamh airson cleachdadh prìobhaideach seachas sheirbheisean eaglaise. Ged is iad làmhsgrìobhainnean Éireannacha a tha sna na làmhsgrìobhainnean gu léir as fhaisge air, tha a’ mhórchuid de sgoilearan den bheachd gun deach a dhèanamh ann an Albainn. Tha 86 duilleagan sa leabhar, agus meudachd 54 mm × 107 mm. Tha e sgrìobhte air meamram le inc dhonn, agus tha ceanglachadh agus cuibhreachadh ùr-nòsach air.
 
Tha ''Leabhar Dhèir'' air a bhith ann an seilbh [[Leabharlann Oilthigh Chambridge]] bho 1715, nuair a chaidh leabharlann John Moore, Bishop of Ely a thiolacadh gu [[Ollthigh Chambridge]] leis an Rìgh Deòrsa I..<ref name="bookofdeer.co.uk">http://www.bookofdeer.co.uk/bookofdeer.htmlthe-book-of-deer/</ref>
 
==An teacsa==