An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"
Content deleted Content added
Loidhne 15:
==Am maiseachadh==
Is léir gun deach deagh smaoineachadh a dhèanamh ro làimh air an sgeuma maiseachain, oir tha siostam coileanta ann. Tha ceithir coltasan làn-duilleige ann de na soisgeulaichean. Tha gach fear dhiubh mu choinneimh duilleag de theacsa air a bheil oir de mhaiseachadh fighte ceilteach. Tha an leabhar a’ tòiseachadh le meanbh-choltas làn-duilleige den cheithrear shoisgeulaichean. Agus tha e a’ dùnadh le dà thaobh-duilleige an aghaidh a chéile, gach fear dhiubhsan cuideachd le meanbh-choltas làn-duilleige de na soisgeulaichean. Tha an teacsa mu dheireadh de ''Eòin'' a’ crìochnachadh le meanbh-choltas leth-dhuilleige de dhithis fhirinneach. Tha tùs-litrichean beaga maisithe air feadh an teacsa. Tha deich duilleagan ann cuideachd, iad uile san dàrna leth den leabhair, anns a bheil dealbhan de dh’fhireannaich, de bheathaichean, no sgrochlaidhean sìmplidh.
==Có às?==
|