An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Worms"

Chaidh 10 baidhtichean a thoirt air falbh ,  7 bhliadhnaichean air ais
b
Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Link equal to linktext (v1.22)
b (r2.7.1) (Robot: Adding el:Βορμς)
b (Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Link equal to linktext (v1.22))
Dh’ fhàs Worms a bhith uabhasach beairteach aig deireadh na meadhan-aoisean. Fhuair am baile tòrr chòirichean sònraichte bho Heinrich IV ann an [[1074]],<ref>[http://www.eichfelder.de/worms/w_hist/09_salier/salier.html Eichfelder]</ref> is ann uair sin chaidh e a ghairm na Bhaile neo-eisimeileach na h-ìompaireachd (Gearmailtis: Reichsstadt), dìreach fo riaghladh an iompaire fhèin is ghabh caochladh rud cudromach àite anns a’ bhaile air sgàth sin. Chaidh ainmean a chur gu Aonadh Worms ann an [[1122]]; Bha pàrlamaid na h-ìompaireachd (Gearmailtis: Reichstag) an seo ann an [[1495]], a rinn a dhìcheall airson an iompaireachd a dh’ ath-leasachadh. A bharrachd air sin, bha pàrlamaid eile ga chumail ann an [[1521]] ann an Worms, a chuir air bhog Èigheachd Worms, a cho-dhùin gur e eucoireach a bh’ann [[Martin Luther|Màrtainn Lutair]] leis gun do dhiùlt e na [[creideamh|creideamhan]] aige a leigeil dheth.<ref>[http://www.luther.de/leben/worms.html Martin Luther]</ref> Chaidh a’ chiad dreach a' Thiomnaidh Ùir anns [[Beurla|a’ bheurla]] a chur sa chlò le William Tyndale ann an Worms ann an [[1526]],<ref>[http://www.contra-mundum.org/castellano/maxey/Tyndale.pdf Contra Mundum]</ref> air a eadar-theangachadh dìreach bhon Ghreugais, an àite a bhith air a stèidheachadh air an Vulgata ann an Laideann.
 
Ann an [[1689]], ri linn Cogadh na Naoi Bhliadhna, rinn feachdan Rìgh Louis XIV na [[An Fhraing|Frainge]] droch mhilleadh air iomadh bhaile anns an sgìre seo, gu h-àraidh [[Heidelberg]], Mannheim, Oppenheim, Speyer, Worms agus Bingen am Rhein, ged nach robh na Frangach ann ach fad corra sheachdain.<ref>Vauban and the French Military Under Louis XIV: An Illustrated History of Fortifications and Strategies, Jean-Denis Lepage,ISBN 978-0-7864-4401-4</ref> Chaidh ainmean a chur gu Còrdadh Worms ann an [[1743]],<ref>[http://www.jstor.org/pss/553187 Jstor]</ref> a cuir stad air an Dàrna Cogadh Shilesia eadar [[A’ Phrùis]] agus [[An Ostair]]. Bha na [[saighdear|saighdear]] Frangach air ais ann an [[1792]] ri linn Ar-a-mach na Frainge. Chaidh easbaigeachd Worms a chur às ann an [[1801]]<ref>Friedhelm Jürgensmeier: Das Bistum Worms. Von der Römerzeit bis zur Auflösung 1801. Echter Verlag, Würzburg 1997. ISBN 978-3-429-01876-4</ref> is am baile am broinn Iompaireachd na Frainge. Thug Còrdadh [[Vienna]] am baile do [[Hessen]] ann an [[1815]].
 
An dèidh iomairtean na h-Ardennes,<ref>[http://www.worldwariihistory.info/WWII/Germany.html Worls War II History]</ref> chaidh na Caidreabhaich air adhart airson ionnsaigh mòra a thoirt air an Rhein, cridhe na Reich. ‘S e àite dìona làidir ann an ceann a deas sgìre na Rhein a bh’ann Worms is shabaid na Gearmailtich gu cruaidh an aghaidh nan Caidreabhach. Le sin, thug an RAF dà ionnsaigh doirbh mòr air Worms le bomaichean làidir tro mhìosan mu dheireadh a’ chogaidh, air an 21 [[An Gearran]] agus 18mh [[Am Màrt]] [[1945]].<ref>[http://www.raf.mod.uk/bombercommand/feb45.html RAF]</ref>
77

deasachadh