An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tomás Cipriano de Mosquera"

Content deleted Content added
b Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Link equal to linktext (v1.22)
Loidhne 132:
*Bhrosnaich e na bàtaichean-smùid air an [[Abhainn Mhagdalena|Magdalena]].
 
Fhuair na poileasaidhean aige fìor dhubh chàineadh bho na daoine a thug taic dhàsan airson an ceannas fhaighinn, agus bha e a-nis na bu fhaisge air [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàrtaidh Libearalach]]. Nuair a chrìochnaich an teirm aige chaidh e gu [[Eabhraig Nuadh|Eabhraig Nuadh]] airson gnìomhachas an teaghlaich a dhèanamh agus steidhich e companaidh malairt eadar-nàiseanta.
 
An dèidh corra bhliadhna anns na [[Stàitean Aonaichte]], thill Mosquera ri sabaid an aghaidh ar-a-mach na luchd-Cheàirde agus an [[deachdaire]] [[José María Melo]] a chuir às a’ chathair ann an [[1854]]. An uair sin, ri taobh nan Libearalach gu lèir, thug e pàirt anns a’ mhòr-dhail mar riochdaire agus seanadair agus bha e na thagraiche airson a’ chinneas ann an [[1857]], fhuair e an treas àite ri chùlaibh an Tòraidh [[Mariano Ospina Rodríguez]] agus fear Libearalach raideagach (a chuir am feadaraileas na dùthcha an cèill, a-nis fon ainm [[Co-chaidreachas Ghranada]]). Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe stàit [[Cauca (Roinn)|a’ Chauca]], is leis an dreuchd sin thionndaidh e gu bhith os cionn na luchd-dùbhlain an aghaidh a’ chinn-suidhe Ospina, nach onarachadh fèin-riaghladh na stàitean.