An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José María Melo"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding it:José María Melo
b Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Link equal to linktext (v1.22)
Loidhne 94:
Dh’ iarr na luchd-ciùird do Oblando, is iad gan cuireadh air rian ann am mailisidh, gun do dhùineadh e an Còmhdhail agus gum biodh e na [[Deachdaire|dheachdaire]] an t-Sluaigh 17 [[an Giblean]] [[1854]]. B’ fheàrr le Obando an dreuchd aige a leigeil agus an uair sin chuir na Buidhnean Dheamocratach an grèim e. Chuir iad an ceannas an tairgse do Mhelo, a bha os cionn na Feachdan Armachd ann an Cundinamarca aig an àm.
 
Chaidh aige air a bhith ga chumail anns an dreuchd aige eadar [[an Giblean]] agus [[an Dùbhlachd]] [[1854]] tro eadar-theachd an Airm. Cha b’ fhada gun do nochd arm neo arm gus a chur às dhan sglamhair. Chuir [[Tomás Cipriano de Mosquera]] air dòigh agus mhaoinich e Arm an Tuatha a chaidh sìos bho [[Barranquilla|Barranquilla]] is esan fhèin os a chionn. Stiùir [[José Hilario López]] Arm an Deas a chaidh bhon [[Cauca (Roinn)|A’ Chauca]] agus [[Huila (Roinn)|Huila]], agus bha [[Joaquín París Ricaurte|Joaquín París]] os cionn Rèisimeid na Alto Magdalena, le saighdearan à [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] a chaidh thar [[Abhainn Mhagdalena|na h-Aibhne Mhagdalena]] aig [[Honda (Baile)|Honda]]. Chruinnich na trì airm air na faichean àrda mu thimcheall [[Bogotá|Bhogotá]], far an do chuireadh an t-seann cheann-suidhe [[Pedro Alcántara Herrán]] os cionn co-bhonn na feachdan. Chuir iad dh’ionnsaigh air a’ phrìomh-bhaile bho thrì taobhan, is Melo ga dhìon le dìreach seach mìle saighdearan gu math cleachdte ris a’ chogadh à Cundinamarca agus saor-thoilich na luchd-chiùird. Rinn Mosquera ionnsaigh bho thuath is, leis an t-Seanalair Tomas Herrara à Panama a’ stiùireadh a’ ghnothaich, ghabh iad am baile tharais sràid air shràid, bho San Diego gu ruige Ceàrnag San Francisco far an robh Melo is a chuid oifigearan. Rinn López ionnsaigh bho dheas agus Paris bhon iar tro San Victorino. Ghabh Herrán thairis na àirdean anns an sgìre “Egipto”. Thàinig na trì feachdan sin ri chèile ann am Plaza Mayor agus mar sin chuir iad Riaghaltas Sìobhalta air dòigh a-rithist.
 
Chaidh Melo a chuir an grèim is ghabh [[José de Obaldía]], à Panama, an Riaghaltas os làimhe. A dh’aindeoin sin, bha e saor rè na trì cùisean-lagha a fhuair ann an [[1855]] oir phàigh a charaid is fear-dùthcha [[Manuel Murillo Toro]] a chuid urrais.