An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Nobhail Ghàidhlig"

Content deleted Content added
b r-s
b Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Category with space - Link equal to linktext (v1.22)
Loidhne 6:
B’e a chiad nobhail iomlan – anns an seagh “nuadhasach” den fhacal – ''Dùn Aluinn, no an t-Oighre ‘na Dhìobarach'' le [[Iain MacCormaic]] (1912). Roimh sin, ann an 1908, dh’ fhoillsich MacCormaic nobhail ghoirid ''Gu’n d’ thug i spéis do’n Armunn'', agus eadar 1909 agus 1910 dh’ fhoillsich an iris ''An Sgeulaiche'' pàirt de sgeul goirid le [[Aonghas MacDhonnchaidh]] leis an tiotal ''An t-Ogha Mór''. Mar sin, tèid againn air ràdh gun do rugadh an nobhail Gàidhlig le sgrìobhaidhean MacCormaic agus MacDhonnchaidh, ged nach robh ealain na nobhail ann an cànan nan Gàidheal ach na “leanabas” aig an àm sin. Bhitheadh e fada fhathast gus an nochdadh nobhail “inbheach”.
Ann an 1923 thàinig a-mach an nobhail mhaoth-inntinneach ''Cailin Sgiathanach'' le [[Seumas MacLeòid]], ach cha do thog ealain an nobhail a ceann ann an da-rìribh a-measg nan Gàidheal gu 1971, nuair a nochd ''A’ Leth Eile'' le [[Cailein MacCoinnich]].
On àm sin lean sreath de nobhailean: ''Gainmheach on Fhàsaich'' le [[Màiri NicGillEathain]] (1971); ''Raonaid'' (1981) le [[Cairistiona Dick]]; ''Có ghoid am bogha-froise?'' le [[Fearghas MacFhionnlaigh]] (1978); agus ''Deireadh an Fhoghair'' le [[Tormad Caimbeul]] (1979). Cha do sgrìobh [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a’ Ghobhainn]] nobhail fhada sam bith, ach dh’ fhàg e làrach le a nobhailean goirid ''[[Iain am Measg Nan Reultan|Iain am measg nan reultan]]'' (1970), agus ''[[An t-Aonaran|An t-Aonaran]]'' (1976). Dh’ fhoillsich GAIRM a sgeul Murchadh ann am meidhisean, ann an 1979, agus leis na sgrìobhaidhean sin, stèidhich Mac a’ Ghobhainn puist-seòlaidh air son na nobhail Ghàidhlig.
Ach cha b’e ach an dèidh na bliadhna 2000 a thàinig an nobhail Ghàidhlig gu ìre le sgeòil a thoill coimeas leis an litreachas as fheàrr anns a’ Bheurla agus ann an cànanan eile. Stèidhich an Roinn Ceiltis aig [[Oilthigh Ghlaschu]] ''Comhairle nan Leabhraichean'' air son taic a chur ri foillseachadh na Gàidhlig. Le comhair na Comhairle, thòisich ''CLÀR'' a dh’ fhoillseachadh sreatha de leabhraichean (nobhailean, [[nobhaileag]]an agus eile) fon ainm ''Ùr Sgeul''. Mar eisimpleir, ann an 2004 thàinig a-mach ''[[Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là|Là a’ Dèanamh Sgèil do Là]] '' le [[Aonghas Pàdraig Caimbeul]]; ann an 2005, ''Gymnippers Diciadain'' le [[Màrtainn Mac an t-Saoir]]; lean ''Shrapnel'' le Tormod Caimbeul (2006); ''Dìleas Donn'' le Norma NicLeòid (2006); agus ''An Taigh-Samhraidh'' le Aonghas Pàdraig Caimbeul (2007). Ach bhris Aonghas Pàdraig Caimbeul grunnd ùr le a nobhail bharraichte ''An Oidhche Mus do Sheòl Sinn'' (2003). Chaidh an nobhail seo ainmeachadh anns a’ chiad deich ann an clàr aig an iris ''The List'' air son na ceud leabhraichean a b’ fheàrr a chaidh a-riamh a sgrìobhadh ann an [[Alba]].
 
Loidhne 15:
 
[[Category:Leabhraichean Gàidhlig]]
[[CategoryRoinn-seòrsa: Nobhailean]]