An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Reul-eòlas"

Content deleted Content added
Loidhne 36:
Sgrìobh ùghdar ''Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh'': “Cha teid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chlann Uisnich (a’ ghalacsaidh againne), ach glè bheag eile. B’aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimhn ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nadur”.
 
Sa bhliadhna 1857 dh’fhoillsich ministear Aipineach dom b’ainm Duncan Macnair Connell leabhar Gàidhlig fon tiotal Beurla [http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/leabhraichean/Gaelic_Astronomy/ Gaelic Astronomy].
Is ann an 1857 a fhoillseach leabhar fon tiotal Reul-eolas, sgriobhta le Aipineach don b'ainm Mac Chonnaill.
 
An 1872-1873 fhoillsich an iris-leabhar ainmeil "AN GAIDHEAL" sreath de deich aistean "AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR" leis an t-Urramach Alasdair Mac Griogair a sgriobh fon ainm phinn "SGIATHANACH". <ref>AN GAIDHEAL: Leabhar I aireamh 9 (Ceud Mios A' Gheamhraidh 1872)- Leabhar II Aireamh 18 (Ceud Mios An Fhogharaidh 1873)</ref>
 
Tha [http://www.ucc.ie/celt/online/G600030/ Irish Astronomical Tract] sa Ghàidhlig ann bhon 14mh linn.
 
== Planaidean ==