An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Pàdraig Caimbeul"

Content deleted Content added
ce
No edit summary
Loidhne 1:
'S ann as [[An Leth Mheadhanach]] ann an [[Uibhist a Deas]] a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-Sgoil an Obain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, [[Iain Mac a' Ghobhainn]] nach maireann.
 
==Foghlam==
Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu [[Oilthigh Dhùn Eideann]], far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho [[Somhairle MacGill-Eain|Shomhairle MacGill-Eain]], a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.
 
As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun [[BBC|a’ BhBC]] agus gu [[Telebhisean Ghrampian]].
 
==Litreas==
Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram [[Crùn na Bàrdachd]] a thoirt dha leis [[An Comunn Gaidhealach|a' Chomunn Ghàidhealach]] aig [[Mod nan Eilean Siar]], agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùìteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] agus tha dreuchd [[Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn]] aig [[Roinn na Gàidhealtachd]] air a bhith aige cuideachd.
Aon uair, chluich e ball-coise ann an [[Cuach na h-Alba]] aig [[Pàirce Hampden]] an aghaidh [[Queen's Park]]. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an [[Slèite]] san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fhèarr leis [[Lev Tolstoj]], [[George Eliot]], [[Gabriel Garcia Marquez]], agus ’s e Alex Cropley aig [[|C.B. Hibernian|Hibs]] an cluicheadair [[ball-coise]] as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.
 
 
== Leabhar-chlàr ==