An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Sìobhalta na Spàinne"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 35:
}}
 
B’ e cogadh uabhasach mòr, a mhair bho [[17 an t-Iuchar]] [[1936]] gu ruige [[1 an Giblean]] [[1939]], a th’ann '''Cogadh Sìobhalta na Spàinne''',<ref>[http://history-world.org/spanish_civil_war.htm World History]</ref> far a shabaid na daoine a bha dìleas do Riaghaltas Poblachd na Spàinne an aghaidh an fheadhainn a dh’èirich na h-aghaidh fo stiùireadh an Seanailear [[Francisco Franco]]. Bhuannaich na reubalaich agus lean Franco san Riaghaltas gus a chaochail e an ceann 36 [[bliadhna]].<ref>[http://redescolar.ilce.edu.mx/redescolar/act_permanentes/historia/html/guerra_civil/index.htm Red Escolar]</ref> Thoisich an cogadh an dèidh Gairm nan Seanailearan ([[Spàinntis]]: pronunciamiento), is an fheadhainn sin fo stiùireadh an Seanailear José Sanjurjo an aghaidh Riaghaltas laghail dàrna Poblachd na Spàinne. Bha an Riaghaltas sin air a thaghadh gu deamocratach agus bha Manuel Azaña na Cheann-suidhe air. Fhuair an t-ar-a-mach taic bho mòran bhuidhne traidiseanta, CEDA (Comann Neo-eisimeilach Luchd an làimhe Deise na Spàinne), rìoghairean agus [[FaiseastasFaisisteachas|faisistichFaisistich ]] nam measg.<ref>[http://www.espagne-facile.com/guerre-espagne/511/ Espagne Facile]</ref>
 
Thug feachan an Airm ann am [[Maroco]],<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> [[Iruña]], Burgos, [[Valladolid]], [[Cádiz]], [[Córdoba, An Spàinn|Cordoba]], agus [[Sevilla]] taic dhan ar-a-mach. Ach cha do ghabh na gearrastanan anns na bailtean mòra mar [[Madrid|Mhadrid]], [[Barcelona]], [[València]], [[Bilbao]] neo [[Málaga]] ann. Le sin, bha An Spàinn air a sgaradh gu poiliteagach agus aig ìre armailteach. Thoisich na Reubaltaich, leis an Seanailear Franco os an cionn, ri cogadh caithreimh a thoirt air an Riaghaltas [[Lagh|laghail]] airson an [[dùthaich]] a ghabhail os làimhe. Gheibheadh [[A' Phortagail]],<ref>[http://www.historiasiglo20.org/HE/14b-1.htm Historias Siglo 20]</ref> Rìoghachd [[An Eadailt|na h-Eadailt]] agus na Nàsaich san [[A’ Ghearmailt|Ghearmailt]] cobhair do na Reubaltaich, fhad ‘s a chuideachach [[Meagsago]] agus an [[Aonadh Sobhiat]] an fheadhainn a bha ri taobh na Poblachd. Gabhadh dùthchannan eile, mar [[An Rìoghachd Aonaichte]] agus [[An Fhraing]], ri polasaidhean oifigeil dhe neo-eadraiginn.