An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-chaidreachas Ghranada"

Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying ko:그라나다 연방 공화국
Loidhne 14:
}}
 
‘S e Poblachd fheadarail eadar dà stàit nar làithean fhèin ([[Coloimbia]] agus [[Panama]]) a bh’ann An '''Co-chaidreachas Ghranada'''. Tha an stàit sin suidhichte, aig ìre eachdraidh Choloimbia, eadar [[Poblachd Ghranada Ùire]] ([[1858]]) agus na [[Stàitean Aonaichte Choloimbia]] ([[1863]]).<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/modosycostumbres/crucahis/crucahis125.htm Biblioteca Virtual]</ref><ref>[http://www.bdigital.unal.edu.co/222/ Repositirio Institucional]</ref>
 
== Eachdraidh ==
Loidhne 20:
Thug gluasadan an neo-eisimeileachd air feadh na dùthcha, gu seachd àraidh fad às bho Bhogotá, buaidh làidir air an structar meadhanach a chuireadh air dòigh beag air bheag bho àm [[Poblachd Ghranada Ùire]], an dèidh sgaoileadh [[Coloimbia Mhòr|Choloimbia Mòire]]. Ghabh am [[Bun-Reachd]] dhe [[1843]] ri sin. Bha an suidheachadh anns a’ Chaolas [[Panama]] uabhasach doirbh, is na daoine an siud ag iarraidh fèin-riaghladh.<ref>[http://www.saber.ula.ve/db/ssaber/Edocs/pubelectronicas/procesoshistoricos/vol1num2/articulo2-2.pdf La acción de los liberales panameños en la determinación de las políticas del Estado de la Nueva Granada, (1848-1855)]</ref>
 
‘S e na atharrachaidhean dhe [[1853]] a thòisich pròiseas na feadaraileachd anns an dùthaich. Chaidh a’ chiad stàit fheadarail a chur air dòigh air an 27mh latha dhen [[An Gearran|Ghearran]] [[1855]]: Panama. Cha b’ fhada gun do lean [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] (11mh [[An t-Ògmhios]] [[1856]]) agus [[Santander (Roinn)|Santander]] (13mh [[An Cèitean]] [[1857]]). Sgrìobh còmhdhail na Poblachd lagh ùr ann an reachdas gus sgaoileadh na dùthcha a sheachnadh, air 15mh latha dhen [[An t-Ògmhios|Ògmhios]] [[1857]]. Chruthaich an lagh sin sreath dhe stàitean le fèin-ùghdarras, mar a leanas: Bolívar, Boyacá, Cauca, Cundinamarca agus Magdalena. Chaidh an Stàit Tolima a stèidheachadh air an 12mh latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1861]] air na sgìrean air an àirde an iar [[Cundinamarca (Roinn)|Chundinamarca]].
 
Chaidh co-chruinneachadh a chur air dòigh ann an [[1858]] ach bha làmh an uachdair aig na [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|Tòraidhean]]. Thug iad Co-chaidreachas Ghranada Ùire air an dùthaich is dh’ainmich iad [[Tunja]] mar phrìomh-bhaile na Stàitean. Rinn iad sin air adhbharan samhlachail air sgàth gur e fear dhe na bailtean na bu thìr-ghràdhaiche na dùthcha a bh’ann Tunja, neo Creathail agus Taigh-oibre na Saorsa ([[Spàinntis]]: Cuna y Taller de la Libertad) mar a thuirt [[Simón Bolívar]] o shean.
 
Dh’ fhàs a’ cho-chaidreachas a bhith uabhasach lag air sàilleabh còmhstri brùideil eadar na Libearalaich agus na Tòraidhean, is le sin chaill na feadarailich an cumhachd. Thug dùbhlan nam Libearalaich Raidigeach buaidh gu math làidir air beatha goirid a’ cho-chaidreachais is dh’adhbharaich sin [[Cogadh sìobhalta]] eadar [[1860]] agus [[1862]]. Chaidh Santa Fe de Bogotá ainmeachadh mar phrìomh-bhaile a-rithist an dèidh sin. Chaidh Co-chaidreachas Ghranada Ùire à bhith anns an [[An t-Sultain|Sultain]] [[1863]] ri linne [[Co-chruinneachadh dhe Rionegro]].
 
== Iomraidhean ==
Loidhne 30:
{{commonscat}}
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Poileataigs]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Daoine]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Aimearaga-a-Deas]]
 
[[de:Granada-Konföderation]]
Loidhne 42:
[[id:Konfederasi Granadine]]
[[it:Confederazione Granadina]]
[[ka:გრანადინის კონფედერაცია]]
[[ko:그라나다 연방 공화국]]
[[nl:Granadijnse Confederatie]]