An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Spàinntis"

Content deleted Content added
Loidhne 26:
| Teacsa =Roinnean far a bheil Spàinntis ga bruidhinn;<br />''Dearg'': Spàinntis mar cànan oifigeil a-mhàin,<br />''Gorm'': Spàinntis mar cànan oifigeil còmhla ri cànain eile
}}
'S e [[cànan]] [[Indo-Eòrpais|Innd-Eòrpach]] a`tha ann an '''Spàinntis''', ainm bho thus: ''castellano''. Thàinig an cànan bhon taobh tuath na [[An Spàinn|Spàinne]]. Tha freumhan cumanta aig an Spàinntis agus am [[Portagailis]]. Tha Spàinntis ga bhruidhinn anns an Roinn Eòrpa, ann am corra àite ann an Àisia is Afraga, agus gu h-àraidh air feadh Aimearaga.
 
== Eachdraidh ==
Loidhne 34:
=== Laideann ga Bhruidhinn ===
 
Cha robh Laideann ga bhruidhinn ann am Iberia mus do ràinig feachd na Ròimh ann am 318 RO is rinn iad an gnothaich mu dheireadh thall ann an 18 RO, fo Chaesar Augustus. Sgaoil an cànan fad is farsaing gu luath, agus an ceann beagan ghinealach, bha na cànanan tùsail air a bhàsachadh ach ann corra àite. Thathar a' creidsinn gu robh na daoine deiseil airson a ghabhail ri cultar agus cànan na Ròimh leis gu robh cultaran adhartach mar na Greugaich ann bho thùs. Anns a' chiad linn thuit ìompaireachd na Ròimh a-mach a chèile agus thoisich leasachadh neo-eisimeileachd a' chànain anns na beanntan ann an thaobh mu thuath na dùthcha. Tha iomadh ainm-àite Laideann anns an Spàinn gus an latha an-diugh. Cha do leig na cànanan tùsail ach facal neo dhà.
 
=== Turas na Visigodos ===
Loidhne 42:
=== A' Bhuaidh Arabach ===
 
Ann am 711 Ràinig airm Muslamach an ceann a deas na Spàinne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chànan làitheil beò anns an dùthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Rìgh Fernando agus Banrighinn Isabel an Rìoghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fògarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am [[Maroco]]. 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tìrean Muslamaich far a bheil An Spàinn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Rè 881 bliadhna bha cultar Arabach, [[saidheans,]] ionnsachadh, [[àiteachas]], smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na dùthcha agus gu ruige an Roinn Eòrpa. Chruthaich rìghrean na Spàinne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an dèidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eòrpa beartas mòr bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan [[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus Crìostaidh nan tàmh gu sìtheil còmhla.
 
Seo sreath fhacail le tùs Arabach ann an Spàinntis. Mar as àbhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, àiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.
Loidhne 335:
* [[Faidhle:Flag of the Philippines.svg|30px]] [[Na h-Eileanan Filipineach]]
 
A bharrachd air sin, tha iomadh mhuilleadn dhe daoine le Spàinntis mar chiad cànan anns na [[Stàitean Aonaichte]], seadh ann an coimhearsnachdan Spàinntich traidiseanta air feadh na stàitean a chaill Meagasgo ann an cogagh an aghaidh Riaghaltais [[Washington, D.C.|Washington]], seadh inimrich anns na bailtean-mòra.
 
=== Suidheachadh Cànanach anns an Spàinn ===
Loidhne 341:
Tha an suidheachadh cànanach air atharrachadh gu mòr bho chaochail an [[deachdaire]] [[Francisco Franco]] ann an 1975. 'Se an aon chànan oifigeil na dùthcha a bh' ann an Spàinntis, is an tìr fa-leth fo bhratach na Spàinntis. Mar a leughadh air gach uile bonn airgid o shean ''España:, Una, Grande, Libre'' (An Spàinn: Aon, Mòr, Saor). Ach Bhàsaich e agus dh'atharraich an dùthaich gu tùr. Ghlaodh [[Bun-Reachd]] na Spàinne (1978):
 
''Is e Cànan oifigeil na Stàit a th' ann an Spàinntis Castellanach. Tha dleastanas aig gach uile Spàinnteach a bhith eòlach air agus tha còir aca a bhith ga chleachdadh. Is e cànainean Spàinntich oifigeil anns na Roinnean aca le fèin-ùghdarras a th' ann na cànainean eile cuideachd, a-rèir na Aontaidhean a th' ann. 'S e dìleab chultarail a th' ann am beartas aig an caochlach dòighean labhairt na Spàinne is bidh iad fo mheas agus dìon sònraichte.<ref>[http://www.boe.es/aeboe/consultas/enlaces/documentos/ConstitucionCASTELLANO.pdf Constitución Española de 1978].</ref>''
 
A-nis, tha na cànanan roinneil ([[Basgais]], [[Catalanais]] agus [[Gailìsis]] a' dol bho neart gu neart, tha stèiseanan telebhisein rim faotainn ann gach fear dhuibh, tha iad gam cleachdadh anns na soighnichean rathaid agus, gu h-àraidh, tha foghlam tro mheadhan na mion-chànain ga sgaoileadh air feadh na roinnean sin. Thathar ag aithneachadh na daoine le dà chànan anns an Spàinn, oir 's e Spàinntis brìghmhor soilleir a th' acasan, leis cho soirbheachail a tha poileasaidhean dà chànanach na dùthcha.
Loidhne 484:
[[oc:Espanhòu]]
[[os:Испайнаг æвзаг]]
[[pa:ਸਪੈਨਿਸ਼ਸਪੈਨੀਸ਼ ਭਾਸ਼ਾ]]
[[pag:Salitan Espanyol]]
[[pam:Espanyol (amanu)]]