An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Content deleted Content added
b r-s
No edit summary
Loidhne 7:
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhìonain far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Òig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh [[na Seumasaich|Seumasach]] mun àm seo, leithid 'Òran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', 'Òran don Phrionnsa Teàrlach ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean [[Taigh Rìoghail Hanobhair|Hanòbhair]]. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_Lodair|Bhlàr Chùil-Lodair]] ag innse stòiridh [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart#Bliadhna a' Phrionnsa|Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.
 
As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air [[baile fearainn]] aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
 
Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal 'Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid 'Moladh Mòraig' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.