An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "G. K. Chesterton"

Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Adding simple:G. K. Chesterton
No edit summary
Loidhne 13:
Bha '''G. K. Chesterton''' ([[29 an Cèitean]] [[1874]] – [[14 an t-Ògmhios]] [[1936]]) am measg nan sgrìobhadairean Sasannach a bu thorraiche agus a bu bhuadhaiche ron [[An Cogadh Mòr|Chogadh Mòr]]. Tha e ainmeil mar fear de na sgrìobhadairean a b' e a b' fheàrr air cleachdadh [[Paradacs|paradacsan]].
 
Bha e a' sgrìobhadh [[Nobhail|nobhailean]] (m.e. ''The Napoleon of Notting Hill'', 1904, no ''The Flying Inn'', 1914), [[bàrdachd]], [[Beath-eachdraidh|beath-eachdraidhean]] (m.e. mu dheidhinn [[Charles Dickens]]), aistean [[feallsanachd]] agus artagailean ann am [[Pàipear-naidheachd|pàipearan-naidheachd]] (chaidh mòran dhiubh foillseachadh ann an cruinneachaidhean mar ''The Defendant'', 1901, ''All Things Considered'' (1908) no ''Tremendous Trifles'', 1909). Ge-tà, tha e as ainmeile an-diugh airson nan [[Sgeulachd fir-rannsachaidh|sgeulachdan fir-rannsachaidh]] le "Father Brown", [[sagart]] Caitligeach agus fear-rannsachaidh neo-dhreuchdail. (Chaidh Chesterton iompachadh na [[Caitligeach|Chaitligeach]].) Sgrìobh e còig cruinneachaidhean de na sgeulachdan sin, agus a bharrachd air sin grunn sgeulachdan fir-rannsachaidh gun Fhather Brown.
 
== Ceanglaichean eile ==