An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh MacDhùnleibh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
Leis an adhartais a rinneadh ann an [[cànan]]an agus [[saidheans]] mus deach e dhan oilthigh, bha fìor uidheamachd cheud-fhàthach aige a-chum foghlam aig ìre na b’ àirde a thòiseachadh. Ann an 1836, aig tòiseach an t-seimeastair, chaidh e fhèin agus athair air cois, eadar Bail’ an t-saoir agus [[Glaschu]], ochd miltean a dh’fhaide, a’ falbh a’ chiad rud anns a’ mhadainn. Fhuair e àite-fuirich ann an Glaschu, ach am broinn ùine bige, thàinig e a-steach air nach robh an t-àite-fuirich iomchaidh dha, agus dh’fhàg e agus a’ sìreadh àite na bu fhreagarraiche. Cha deach mòran ùine seachad gus an do lorg e fear, agus aig a’ cheann thall ghluas e a-steach, agus a’ gabhail còmhnaidh fad a’ chiad sheimeastar ann an Glaschu (ach air saor-làithean).
 
Rè an cuid foghlaim aige, sheall e claonadh anns na saidheansan, gu dearbh anns an laboratoraidh chuimigich. Bha aige ri caraidean ùra a dhèanamh aig an oilthigh, ach cha robh sin idir na dùbhlan dha. Dh’fhàg e buaidh math agus maireannach air oileanach agus oraidichean mar aon, agus bha e na sgoilear dìcheallach. Fad na h-uine, rinn e meòrachadh air bileag (no duilleag-làimhe) a fhuair e anns an eaglais ann am paraiste[[parraist]] ris an deach e, trì miltean air falbh bho Bhail an t-saoir ann an Hamaltan. Leugh e le geur-ùidh, feasgar na Sàbaid àraid air dhàsan a’ bhileag a thogail, gun robh comann teachdaire (no “''mission society''”) a’ sìreadh dhaoine aig an robh teisteanas bho oilthigh ann an diadhachd AGUS ann an leigheas. Ged a chuir e fòcas aige air cuairt a choileanadh a Shìona, far an robh am feum mòr airson dotairean agus ministearan nam facal, thòisich an Cogadh Opium eadar Breatann agus [[Sìona]], agus mar thoradh air sin, ghluas fòcas MhicDhùnlèibh aig a’ cheall thall do àite co-ionnanach ann am feum – tìr-mòr [[Afraga]].
Às dèidh dha cuireadh fhaighinn gus treanadh a thòiseacheadh ann an Lunnainn, agus a’ dol tro nan deuchainnean gu soirbheachail ge b’e dàil no dhà bho oraidiche no dhà os-cionn obair-ceartachaidh agus siostam measaidh aig a’ chomann, thàinig e tuilleadh is barrachd follaiseach gun robh oileanach air leth comasach nan làmhan. A-rithist, dh’fhàg Daibhidh deagh mhiannan agus buaidh mhòr air gach duine ris an do thachair e ann an Lunnainn. Ach bho àm gu àm, dh’èirich ann an Albannach òg colna agus fearg agus, mar a chùm cuid a-mach, dìorrasach a leithid nach deach a lorg anns a cho-aoiseach. An d’ fhuair e, mar dìleab air nach robhar ag iarraidh, mì-ghnèithealachd bho a shinnsearan Ghàidhealach? An e foinnich pàirt do-sgaradh am-measg nan Gàidheal? Theireadh am-measg cultaran agus a’ beachdachadh oirnn, gu bheil inntinn Gàidheal luath agus dualtach ri tionndadh gu fearg gun rabhadh. Agus lean am faoin-shamhla seo MacDhùnlèibh tro a bheatha uile, ged a chuir e a’ chuid a bu mhotha dhaoine aig fois am-measg a chompanaich, le teò-chridheach agus an nàdar ciùin a ghabh còmhnaidh ann na bu thrice na rinn fearg a-riamh.