An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Contae an Dúin"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 13:
}}
'S e siorrachd ([[Gaeilge]]: [[Contaetha na h-Eireann|Contae]]) ann am [[Èirinn]] a tha ann an '''Contae an Dúin'''. Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]], ann an [[Còigeamh Uladh]]. Tha 416,600 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,448km²,<ref>[http://homepage.tinet.ie/~cronews/geog/census/copop.html Scoil Cronáin Naofa]</ref> an 12mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an dàrna a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Dúin le [[Contae Lú|Lú]], [[Contae Aontroma|Aontroma]] agus [[Contae Ard Mhacha|Ard Mhacha]].<ref>[http://homepage.tinet.ie/~cronews/ Scoil Cronáin Naofa]</ref> Bha 327,611 nan tàmh sa chontae ann an [[1841]], ron a' Ghorta Mhòir.<ref>[http://www.histpop.org/ohpr/servlet/PageBrowser?path=Browse/Census%20%28by%20date%29/1841&active=yes&mno=357&tocstate=expandnew&display=sections&display=tables&display=pagetitles&pageseq=first-nonblank Cenus of Britain 1841]</ref> 'S e Sliabh Dónaird (850m) a th'ann [[Beinn|a' beinn]] as àirde na siorramachd.<ref>[http://www.outdoorni.com/blog/2012/08/30/northern-ireland-s-county-high-points/ Outdorrs NI]</ref> Chaidh Comhairle Chontae an Dhúin a bhristeadh suas ann an [[1973]] is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.<ref>[http://cain.ulst.ac.uk/hmso/macrory.htm#9 ULST]</ref>
 
==Sgìrean Ionadail==
Tha ceithir baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Dhúin: An Aird Íochtarach, An Aird Uachtarach, An Caisleán Riabhach Íochtarach, An Caisleán Riabhach Uachtarach, An Duifrian, Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Uachtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Uachtair), Cineál Fhártaigh, Leath Cathail Íochtarach, Leath Cathail Uachtarach, An tIúr agus Múrna. A bharrachd air sin, tha 70 parraistean<ref>[http://www.ancestryireland.com/database.php?filename=map_antrim Ancestry Ireland]</ref> agus 1,666 bailtean fearain sa chontae.<ref>[http://applications.proni.gov.uk/geogindx/townantr.htm PRONI]</ref>
 
==Bailtean==