An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Litreachas"

Content deleted Content added
→‎Litreachas na h-Alba: tha e coltach gun robh mi ceàrr
dèanta
Loidhne 1:
[[File:Old book bindings.jpg|thumb|right|250px|Seann [[Leabhar|leabhraichean]]]]
'S e teacsaichean sgrìobhte a tha ann an '''litreachas'''. Faodar ga roinn eadar sgrìobhaichean fìrinneach, mar eisimpleir aistean sna [[Pàipear-naidheachd|pàipearan-naidheachd]] agus leabhraichean [[Saidheans|saidheansail ]], agus am fiadhainn neo-fhìrnneach: [[rosg]], [[bàrdachd]] agus [[dràma]].
 
==Eachdraidh==
Am measg nan teagsaichean litreachais a bu shine tha ''[[Eipic de Ghilgamesh]]'' à [[Sumer]] agus ''[[Leabhar nam Marbh]]'' às an [[An Èipheit|Èipheit]] ('s mathaid roimhe 2000 RC) no na ''[[Veda|Vedathan]]'' às na h-[[Na h-Innseachan|Innseachan]] ('s mathaid roimhe 1000 RC). Chan eilear cinnteach dè cho seann a tha iad, oir dh'fhàs iad bho [[beul-aithris]] mus robh iad air an cur air a' phàipear. Thathar a' smaoineachadh gur ann bhon 8mh linn RC a tha ''Iliad'' agus ''Odysseia'' le [[Homer]] a thòisich litreachas Greugach is Ròmanach Claisigeach.
 
Airson na linntean, cha robh fàrmhorachd litreachais ann an diofar cheàrnan den t-saoghail cothromach, leis nach robh gu leòr eadar-obrachaidh ann eadar culturan sònraichte mar cultar na [[An Roinn-Eòrpa|Roinn-Eòrpa]], cultar [[Arabais|Arabach]], Innseanach, [[Sìona (roinn chultarach)|Sìneach]] no [[An t-Seapan|Seapanach]]. Mar sin, 's ann doirbh tuairisgeul a thoirt air litreachas an t-saoghail san fharsaingeachd. Anns na linntean mu dheireadh thòisich na diofaran seo ri dhol à sealladh; aig an aon àm, ge-tà, bha buaidh dona ann air na cultaran agus litreachasan mion-chuid.
 
Aig deireadh na 20mh agus toiseach na 21mh linn thàinig atharrachaidhean eile le nochdadh mheadhanan ùra mar [[rèidio]], [[telebhisean]], an [[Eadar-lìon]] no [[leabhar eileagtronaigeach|leabhraichean eileagtronaigeach]].
 
==Litreachas na h-Alba==
Line 13 ⟶ 20:
 
Ged a tha beartas mòr [[beul-aithris]] aig a' chànan, cha do mhair teagsaichean sgrìobhte aosda innte gu ruige seo ach a-mhàin ''[[Leabhar Deathan Lios Mòir]]'' (leabhar ioma-chànanach leis a' Ghàidhlig mar a' phrìomh chànan) bhon 16mh linn. Thathar a' smaoineachadh gur e poileasaidhean rìoghail an aghaidh na Gàidhlige as coireach gun deach mòran sgrìobhaichean sa chànan a sgriosadh.<ref>Peter Berresford Ellis: ''MacBeth, High King of Scotland, 1040-57'', 1980</ref> A dh'aindeoin a' chliù a bhuannaich Seumas Mac a' Phearsain, cha robh eadar-theangachadh iomraiteach de [[Bìoball|Bhìoball]] ann gus deireadh 18mh linn. Chaidh a' chiad [[nobhail]] sa chànan, ''[[Dùn Aluinn]]'' le Iain MacCormaig, fhoillseachadh ann an 1912. Rè na 20mh linn bha [[bàrdachd]] Ghàidhlig le ùghdaran mar [[Somhairle MacGill-Eain]] no [[Meg Bateman]] a bu shoirbheicheile, ged a sgrìobhadh ùghdaran mar [[Iain Mac a' Ghobhainn]] agus [[Aonghas Pàdraig Caimbeul]] rosg cuideachd. Tha [[Comhairle nan Leabhraichean]] agus [[Ùr-sgeul]] as cudromaiche airson foillsechadh bàrdachd is ruisg an-diugh, agus [[Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig]] airson leabhraichean foghlaim.
 
=== Sgrìobhadairean Eadar-Nàiseanta ===
* [[Hermann Hesse]]
* [[Ernest Hemingway]]
* [[Lev Tolstoj]]
* [[Fyodor Dostoyevsky]]
* [[Cervantes]]
 
==Iomraidhean==
Loidhne 25:
 
== Faic cuideachd ==
{{Commons|Literature|Litreachas}}
* ''[[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean]]''
* [[Bàrdachd]]
* [[Beul-aithris]]
* [[Clò-bhualadh]]
* [[Dràma]]
* [[Duais Nobel ann an Litreachas]]
* [[NobhailRosg]]
* [[Nobhaileag]]
* [[Ùr-sgeulachd]]
 
{{Commons|Literature|Litreachas}}
 
[[Category:Litreachas|*]]