An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Fionnuala Nic Dhomhnaill"

Content deleted Content added
Created page with "B’ e '''Fionnuala Nic Dhomhnaill''' (15701608, far-ainm: '''Iníon Dubh''' sa Ghaelige neo '''Inghean Dubh''' sa Ghàidhlig) bean iar-..."
 
Loidhne 8:
Ghoideadh am mac na b’aosda aice, Aodh Rua, air falbh ann an [[1587]] is chuirte e sa phrìosan sa chaisteal ann am [[Baile Átha Cliath]]. Nuair a bha esan air falbh,‘s e ise fhèin a dhìonadh gu dìleas tagradh ceannas a mhic. Ann an [[1588]] thug i àithne gum marbhadh Aodh Gabhalach Ó Néill, mac-bràthar, oir bha esan air oidhrip air a dhèanamh an ceannas a ghabhail os làimhe.<ref>[http://www.anphoblacht.com/news/detail/22677 An Phoblacht]</ref> Ann an [[1591]] dh’fheuch Domhnall Dubh Ó Dónaill, mac a fhir-chèile bhon a’ chiad phòsadh aigese, ris a’ cheannas a ghlacadh, ach ghabhadh air agus mharbhadh aig Cath Lug na Cnamh e.<ref>[http://www.anphoblacht.com/news/detail/22677 An Phoblacht]</ref> Dhèanadh i iomadh iomairt ri Aodh Rua a shaoradh gu laghail neo ga fhaighinn às bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath ri linn seo.
 
Nuair a theich Aodh Rua mu dheireadh thall ann an [[1592]], thug i airgead do Néill Garbh Ó Domhnaill, an tagraiche mu dheireadh a bha air fhàgail agus thug i air a fear-cèile gun leigeadh e an ceannas ann am fàbhar a mhic aca. Sgrìobh an t-seanchaidh Hiram Morgan gur e "gnothach gu math ro-rèitichte anns an robh buaidh a mhàthar os cionn gach nì eile" a bh’ann taghadh Aoidh mar ceann-fheadhna nan Dómhnailleach ann an [[1592]].<ref>Morgan, Hiram, Tyrone's Rebellion, Boydell & Brewer, 1999, Rochester, NY, ISBN 0-85115-683-5</ref> Chaidh i air chluainidh gu [[Cill Mhic Réanáin]]. Ach, ann an [[1608]], leis gach uile mac aice marbh an dèidh [[Teicheadh nan Iarla]], chuir i a cliamhainn, Niall Garbh, ann an lìon taobh fhealltachd is chuireadh esan am prìson sa Tur [[Lunnainn]].<ref>[http://www.anphoblacht.com/news/detail/22677 An Phoblacht]</ref> Chan eil a ceann-latha bhàis aithnichte idir. A thuilleadh, tha e coltach gun do chuireadh i seachad na làithean mu dheireadh aice ann an Caisteal Mongavlin, daingneach beag ri taobh na h-[[Abhainn|Aibhne]] Feabhal, dìreach mu dheas [[Baile Suingean]] sa sgìre Lagan air an àirde an ear Dun na nGall.
 
== Craobh-ghinealaiche nan Dómhnallach==