An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aodh Rua Ó Dónaill"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 59:
Nuair a thill Aodh gu [[Cúige Uladh]], thaghadh athair mar thighearna e. Fhuair Aodh ceannas air muinntir Dhónaill agus air Tír Chonaill air fad. Bha esan agus Aodh Ó Néill ann an caidreabhas nuair a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna. Chuir iad ruaig air na Sasannaich aig sreath dhe cathan: Béal Átha na mBrioscaí, Cluain Tiobraid agus Béal an Átha Bhuí. <ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> Sa bhliadhna [[1601]] thàinig feachdan às [[An Spàinn]] dhan dùthaich gus cuideachadh a thoirt dhaibh, ach bha iad ro fhada gu deas, ann an [[Cionn tSáile]].<ref>[http://www.libraryireland.com/Atlas/XXXIX-Red-Hugh-ODonnell.php Library Ireland]</ref> B’ fheudar do na Gàidheil dhol gu Cionn tSáile, ach ghabhadh orra aig Cath Chionn tSáile.
 
Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann anam [[Valladolid]], sa bhliadhna [[1602]], co-dhiù.,<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> tachartas air a beil [[Teicheadh nan Iarla]] an latha an-diugh. Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .
 
==Iomraidhean==