An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tomás Cipriano de Mosquera"

Content deleted Content added
according to the decrees of May 9, 1834, June 30, 1858, and November 26, 1861, these are the correct flags
Loidhne 144:
Anns an darna teirm aige anns a’ chinneas ([[1861]] – [[1863]]), dh’fhoillsich e sreath dhe àithntean airson neart na [[Eaglais Caitligeach|Eaglaise Chaitligeach]] a chur fo smachd, gu h-àraidh arfuntachadh an earrais làmh mharbh (mortmain), le sin chaidh oighreachdan na h-eaglaise ga toirt air falbh, gus a bhith gan reic an uair sin ann an rop poblach; a bharrachd air sin chuir e an [[Comann Iosaid]] a-mach às an dùthaich.
 
Chaidh na sgaraidhean eadar na radaigich (le [[Manuel Murillo Toro]] os an cionn) agus an fheadhainn aig Mosquera uabhasach follaiseach aig [[Co-chruinneachadh dhe Rionegro|a’ Cho-chruinneachadh ann an Rionegro]], (a bha loma-làn dhe Libearalaich). Ach chaidh bun-reachd gu math feadarail libearalach a rèiteachadh co-dhiù, a thugadhbheireadh barrantas dha còirichean nan saoranach agus a thaitinn gach uile ball a’ co-chruinneachaidh. A bharrachd air sin, chaidh Mosquera a thaghadh airson a’ chiad dhà bhliadhna riaghaltas na Stàitean Aonaichte Choloimbia a choileanadh, gu ruige 1 [[an Giblean]] [[1864]].
 
Anns an treas teirm aige, b’ fheudar dhàsan a chur an aghaidh cogadh còmhla ris an [[Eacuador]]: bha esan fhèin os cionn na feachdan Coloimbianach, agus fhuair e buaidh dheireannach aig Blàr Cuaspud ann [[an Dùbhlachd]] [[1863]]. Nuair a leig e an ceannas chaidh e gu [[Paris]] mar thosgair.