An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aodh Rua Ó Dónaill"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 53:
 
== Beatha ==
Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna [[1572]] ann an [[Leifear]], [[Dun na nGall]]. ‘S e mac thighearna [[Tìr Chonaill|Thír Chonaill]], Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhónaill ''An Inghean Dubh'' a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa [[Bliadhna|bhliadhna]] [[1587]], an dèidh a chrùnadh ann an [[Tulaigh Óg]], ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.<ref>[http://www.libraryireland.com/Atlas/XXXIX-Red-Hugh-ODonnell.php Library Ireland]</ref>
 
Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal [[Baile Átha Cliath|Bhaile Átha Cliath]] e. Theich e fad greis sa bhliadhna [[1590]],<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho [[Aodh Mór Ó Néill]], theich e a-rithist san [[Am Faoilleach|Fhaoilleach]] sa bhliadhna [[1592]] còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.<ref>[http://www.nalanda.nitc.ac.in/resources/english/etext-project/history/ireland/book-8chapter10.html Nalanda]</ref> Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.
 
Nuair a thill Aodh gu [[Cúige Uladh]], thaghadh athair mar thighearna e. Fhuair Aodh ceannas air muinntir Dhónaill agus air Tír Chonaill air fad. Bha esan agus Aodh Ó Néill ann an caidreabhas nuair a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna. Chuir iad ruaig air na Sasannaich aig sreath dhe cathan: Béal Átha na mBrioscaí, Cluain Tiobraid agus Béal an Átha Bhuí. <ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> Sa bhliadhna [[1601]] thàinig feachdan às [[An Spàinn]] dhan dùthaich gus cuideachadh a thoirt dhaibh, ach bha iad ro fhada gu deas, ann an [[Cionn tSáile]].<ref>[http://www.libraryireland.com/Atlas/XXXIX-Red-Hugh-ODonnell.php Library Ireland]</ref> B’ fheudar do na Gàidheil dhol gu Cionn tSáile, ach ghabhadh orra aig Cath Chionn tSáile.
 
Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann an Valladolid, sa bhliadhna [[1602]], co-dhiù.<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .