An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Na Seumasaich"

Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Modifying es:Jacobismo
b Typography.
Loidhne 3:
*agus a mhac an t-ochdamh [[Rìgh Seumas VIII na h-Alba agus III Shasainn|Rìgh Seumas]] Stiùbhart Alba (an treasamh Shasainn, nan robh e air a' chrùn a bhuannachd).
 
Chog luchd-leantainn Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach ri luchd-leantainn [[Tigh Rìoghail Hanobhair]], a thug Crùn Bhreatainn bhuapa san [[an t-Ar-a-mach Glòrmhoir|Ar-a-mach Ghlòrmhoir]], [[1688]].
 
Ged a bha mòran uaislean am Breatainn air fad nan Seumasaich, 's ann an [[Alba]] a dh'èirich a h-uile ar-a-mach - ann an [[1689]][[1690|-90]], [[1715]], [[1719]] agus [[1745]][[1746|-46]]. Bhiodh na Seumasaich a' cur mòran suim sna fineachan Gàidhealach, agus bha e nas fhasa dhaibh feachd armaichte a chruinneachadh air [[Gàidhealtachd na h-Alba]] airson adhbharan co-cheangailte ri cruth na tìre, eachdraidh sòisealta - gu seachd àraid an cumhachd a bh' aig na [[ceann-cinnidh|cinn-cinnidh]] agus an cuid [[fear-taic|fir-taic]] - agus dìth smachd an riaghaltas sna glinn.
 
Ged a bha na rìghrean seo (agus [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]], mac an ochdamh Rìgh Sheumais), nam Pàpanaich, bha a chuid a bu mhotha dhen luchd-leantainn aca an Alba nan [[An Eaglais Easbaigeach| Easbaigich]]. Sa chumantas cha b' e adhbhar creidimh idir a thug air luchd-taic nan Seumasach èirigh.
 
Lean an cogadh seo aig diofar amannan suas gu 16mh Giblean [[1746]], nuair a rinneadh spàirn mu dheireadh nan Seumasach fon [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart|Phrionnsa Teàrlach]], agus thugadh adhbhar nan Seumasach gu crìch aig [[Blàr Chùil Lodair]], faisg air baile [[Inbhir Nis]], [[Alba]].
Loidhne 15:
 
==Tuilleadh Leughaidh==
MacCoinnich, Iain, ''Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich'', Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 - agus iomadach tionndadh às a dhèidh)
 
[[Category:Eachdraidh na h-Alba]]