An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh"

Content deleted Content added
No edit summary
b sgiobl
Loidhne 1:
A rèir [[Reachdan Ìdhe]] ann an [[1616]] bu chòir do sgoil a bhith anns gach paraiste air feadh na h-Alba le [[Beurla]] mar mheadhan teagaisg. Ach cha robh siostam nam paraistean gu math stèidhichte air feadh na dùthcha.
 
Mar sin chaidh an '''Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge''' (SSPCK) a' stèidheachadh le cairt rìoghail ann an [[1709]] agus fhuair iad cead bhon chrùin airson sgoiltean a thogail anns na roinnean iomallach na h-Alba, gu h-àraid air [[a' Ghàidhealtachd]] is [[na h-Eileanan Siar]].
 
Bha còig sgoiltean aca ann an 1711; 25 ann an 1715 agus 176 ann an 1758.
Ann an 1795 bha 323 sgoil gu lèir aca, a ghabh a-steach 96 sgoil-obrach far an do dh’ionnsaich clann-nighean banas-taighe agus snìomh. Dh'fhàs àireamh nan sgoiltean rud beag na bu lugha anns an 19mh linn air sgàth 's gun do thòisich buidhnean eile a bithbhith an sàs ann an fhoghlam cuideachd, ach bha 270 sgoil aca ann an 1872, a bha a' gabhail a-steach 76 sgoil-fuaigheil. <ref>Thomson, D. (1983) ''The Companion to Gaelic Scotland'' d. 262</ref>.
 
B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca.
Loidhne 13:
</blockquote>
 
An tòiseachtoiseach cha robh iad soirbheachail le a bhith a' teagasg tro mheadhan na Beurla, air sgàth' 's nach robh na sgoilearan a' tuigsinn ciall nan teacsaichean. Mar sin dh'fhoillsich an SSPCK "Leabhar a Theagasc Ainminnin" ann an 1741 agus [[Eadar-theangachadh a' Bhìobaill gu Gàidhlig|Bìoball Gàidhlig]] ann an 1767 a chaidh a chleachdadh anns a' chiad dà bhliadhna mar "drochaid airson greim nas fhasa fhaighinn air a' Bheurla" <ref>Dorian, N. (1981) ''Language Death''. Philadelphia: University of Pennsylvania Press, d. 21</ref>. Ach bha e toirmisgte Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg <ref name="Withers"/>.
 
== Iomraidhean ==