An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 4:
 
Bha còig sgoiltean aca ann an 1711; 25 ann an 1715 agus 176 ann an 1758.
Ann an 1795 bha 323 sgoil gu lèir aca, a ghabh a-steach 96 sgoil-obrach far an do dh’ionnsaich clann-nighean banas-taighe agus snìomh (Thompson 1983:262). Dh'fhàs àireamh nan sgoiltean rud beag na bu lugha anns an 19mh linn air sgàth 's gun do thòisich buidhnean eile a bith an sàs ann an fhoghlam cuideachd, ach bha 270 sgoil aca ann an 1872, a bha a' gabhail a-steach 76 sgoil-fuaigheil. <ref>(Thomson, D. ''The Companion to Gaelic Scotland'' (1983), d. 262)</ref>.
 
B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca.
Loidhne 14:
 
An tòiseach cha robh iad soirbheachail le a bhith a' teagasg tro mheadhan na Beurla, air sgàth' s nach robh na sgoilearan a' tuigsinn ciall nan teacsaichean. Mar sin dh'fhoillsich an SSPCK Leabhar a Theagasc Ainminnin ann an 1741 agus [[Bìoball]] [[Gàidhlig]] ann an 1767 a chaidh a chleachdadh anns a' chiad dà bhliadhna mar “drochaid airson greim nas fhasa fhaighinn air a' Bheurla” (Dorian 1981:21). Ach bha e toirmisgte Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg (Withers 2000:399).
 
== Iomraidhean ==
<references/>
 
== Tùsan ==
*[[Derick S. Thomson|Thomson, D.]]. (1983) ''The Companion to Gaelic Scotland''. Oxford: Basil Blackwell Publisher Ltd.