An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
A rèir [[Reachdan Ìdhe]] ann an [[1616]] bu chòir do sgoil a bhith anns gach paraiste air feadh na h-Alba le Beurla mar mheadhan teagaisg. Ach cha robh siostam nam paraistean gu math stèidhichte air feadh na dùthcha.
 
Mar sin chaidh an '''Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge''' (SSPCK) a' stèidheachadh le cairt rìoghail ann an 1709 agus fhuair iad cead bhon chrùin airson sgoiltean a thogail anns na roinnean iomallach na h-Alba, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan Siar.
 
bhon chrùin airson sgoiltean a thogail anns na roinnean iomallach na h-Alba, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan Siar. B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca.
Bha còig sgoiltean aca ann an 1711; 25 ann an 1715agus 176 ann an 1758.
Ann an 1795 bha 323 sgoil gu lèir aca, a ghabh a-steach 96 sgoil-obrach far an do dh’ionnsaich clann-nighean banas-taighe agus snìomh (Thompson 1983:262). Dh'fhás àireamh nan sgoiltean rud beag na bu lugha anns an 19mh linn air sgàth 's gun do thòisich buidhnean eile a bith an sàs ann an fhoghlam cuideachd, ach bha 270 sgoil aca ann an 1872, a bha a' gabhail a-steach 76 sgoil-fuaigheil.
 
B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca.
 
Seo na bun-bheachdan den SSPCK ann an 1716:
Line 8 ⟶ 12:
“''Nothing can be more effectual for reducing these countries to order, and making them usefull to the Commonwealth than teaching them their duty to God, their King and Countrey and rooting out their Irish language, and this has been the case of the Society so far as they could, ffor all the schollars are taught in English''” (Withers 2000:399)
</blockquote>
 
An tòiseach cha robh iad soirbheachail le a bhith a' teagasg tro mheadhan na Beurla, air sgàth' s nach robh na sgoilearan a' tuigsinn ciall nan teacsaichean. Mar sin dh'fhoillsich an SSPCK Leabhar a Theagasc Ainminnin ann an 1741 agus Bìoball Gàidhlig ann an 1767 a chaidh a chleachdadh anns a' chiad dà bhliadhna mar “drochaid airson greim nas fhasa fhaighinn air a' Bheurla” (Dorian 1981:21). Ach bha e toirmisgte Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg (Withers 2000:399).